Bàs a' Chait

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan (Jellicoe) agus air a sheinn le: dòmhnall uilleam moireasdan agus Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin).

This is a song written by: Murchadh Moireasdan (Jellicoe) and sung by: dòmhnall uilleam moireasdan and Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair ràinig mi dhachaigh 's ann siud bha an dibhearsain
Nach ann a bha 'n cat againn tinn.
Bha Tormod na chabhaig 's e ceangail a chasan
'S a' feuchainn air castar-ùil.

Gur mise bha duilich 's mo shùilean a' sileadh
'S gun shoundig sinn e air ball,
Ach dotair bu sgileil chaidh riamh ann am briogais
Cha dèanadh e mach dud a bh' ann.

Thàinig steach Seonag 's i bruidhinn cho sona,
"Nach gairm sinn dotair a-nall,
's gun tèid sinn nar cabhaig leis a' chat gun phroifeasar,
's e pendicitis a th' ann."

Ach fhreagair a' chailleach, 's i bruidhinn cho duilich,
"'S e 'n fheòil rinn cron air a-raoir,
Tha goirteas na mhionach nach trèig e gu bith-bhuant
'S tha tinneas neo-chumant' na chom."

Ach labhair am bodach, "Cha b' e sin e idir,
chan fhàgadh sin e cho fann,
's e fhuair e ach rodan a-muigh anns an fhodair
's chan fhaigh esain seachad air chaoidh."

'S ann thàinig steach Uilleam, b' e mac an Fhear-mhillidh,
'S e dotair a b' fheàrr bh' againn ann
'S cho-dhùin sinn leis uile gur e mhill an cat fireann
Bhith muigh cho tric air an oidhch'.

Gu breith air na luchainn chan fhacas a shamhail
Ged a bha chasan cho cam,
Gun fionnadh, gun eile, gun earball na dheireadh
'S ann air a bha 'n ciorram nach gann.

Ach bhàsaich am beathach 's chan fhaigh sinn a leithid
'S gu feum taigh-fhaire bhith ann
'S gun gairm sinne coinneamh, mi fhìn is Mac Thomain
Is Calum Mac Drogaidh na ceann.

Seinneadairean / The Performers

Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin)

Rugadh Uilleam Moireasdan, Uilleam a' Ghladstoin (1915-1981), ann an Lìonal, mac Dhòmhnaill Thòmais agus Chairstìon' Iain, às na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis. Bha ...

Fiosrachadh air Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin) / Learn more about Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.