Banais Chiostal Odhar

Òran air a sgrìobhadh le: Gilleasbaig Dòmhnallach (Gille na Ciotaig) agus air a sheinn le: Aonghas Iain Dòmhnallach.

This is a song written by: Gilleasbaig Dòmhnallach (Gille na Ciotaig) and sung by: Aonghas Iain Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A' bhanais a bha 'n Ciostal-odhar,
Ann an Ciostal-odhar, odhar,
A bhanais a bha 'n Ciostal-odhar.
Cha robh othail chòir oirre!

Thàinig fear a-staigh gam ghriobadh,
Dh'innse gun tàinig am pigidh,
Fhuaras botul, lìonadh slige,
Bu bhinn glig is crònan.

Thainig fear a-nuas le mì-mhodh,
Gu e-fèin a chuir an ìre,
Thòisich e air bleith nan ìnean,
Gu mi-fhìn a sgròbadh.

Ach labhair mise gu fiadhaich:
"Mas e mì-stàth tha thu 'g iarraidh,
Gur dòcha gun cuir mi 'n fhiacail,
Air iochdar do sgòrnain!"

Smaointich mi èiridh nam sheasamh,
On bu ghnàth leam a bhìth 'g eadradh,
Olc na dhèidh gun d' rinn mi leagadh,
'S bhuail mi breab san tòin air.

Nuair a chaidh na fir gu riasladh,
Gun robh ceathrar dhiu sa ghriosaich;
Am fear bu laige bha e 'n iochdar,
'S thug iad mìrean beò as.

Chaidh iad fire faire chliamain,
Siud iad uile feadh na grìosach,
Fear bu laige bha e 'n iochdar,
'S thug iad pìos dhen tòin às.

Nuair a thòisich iad air buillean,
Cha robh mi-fhìn a' cur cuir dhìom,
Gus na mhùigh iad air mo mhuinneal,
'S air duileasg mo shròine.

An sin nuair a dh'èirich an trioblaid,
Thàinig iad far an robh mise,
Thog iad mi mach, chun na sitig',
Theab gun ithte beò mi.

Thug iad a mach chun nan raointean,
Mar gun reachadh cù ri caoraich,
'S am fear nach do sgrìob iad aodann,
Bha aodach ga shròiceadh.

Nuair thòisich iad air a chèile,
Stradadh na fal' anns na speuran;
Bha mis' an àite gan èisdeachd,
'S gun b' èibhinn an spòrs iad.

Bhuail iad air a chèile chnagadh,
Leig iad air a chèile shàdadh,
Shìn iad air aithris na braide,
'S air cagnadh nan òrdag.

Fear ri caoineadh, fear ri aighear,
Fear na sheasamh, fear na laighe,
Fear a' pògadh bean an taighe,
Fear a' gabhail òrain!

Cha robh ann ach beagan dibhe,
Leig iad a dh'ionnsaidh an cridhe,
Bha fear is fear aca rithist,
Gun bhruidhinn, gun chòmhradh.

Sin nuair a labhair am fidhleir,
"Chuir sibh mo phuirt feadh na fidhle;
'S mis' am fear gun tig an dìlinn,
Nach toir sgrìob air ceòl duibh."

Seall a-mach cò chì thu tighinn -
Cailleach nam moganan dubha,
Gur math a dhìreas i bruthach
Leis an t-siubhal spògach.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Iain Dòmhnallach

Rugadh Aonghas Iain Dòmhnallach an Cnoc a' Lìn an Uibhist a Tuath air 18 Gearran, 1900. Bha a shinnsireachd air a bhith san sgìre airson ...

Fiosrachadh air Aonghas Iain Dòmhnallach / Learn more about Aonghas Iain Dòmhnallach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.