Baile M' Àrach

Òran air a sgrìobhadh le: Seòras MacLeòid agus air a sheinn le: iain dòmhnallach (Tonkan), Cairistìona Primrose agus Iain Dòmhnallach (Tonkan).

This is a song written by: Seòras MacLeòid and sung by: iain dòmhnallach (Tonkan), Cairistìona Primrose and Iain Dòmhnallach (Tonkan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara;
Nuair chluinn mi fuaim ud gu cruaidh ri cladach
Bidh fios a'm fhìn gu bheil mi 's na Dailean.

Baile m' àrach an-dràst' nam shealladh
Toirt nithean àraid mar bha rim aire;
An gleann cho àlainn, an tràigh 's a' mhachair
'S na leòidean fraoich air gach taobh cur mais air.

'S mòr gach smuain a' laigh luath air m' aire
Gu mòr an caochladh a thig air baile;
Bho bha mi òg ann gun bhròig nam bhalach
Na bh' ann air fhàgail 's gach làrach falamh.

Chì mi làimh dhomh an roinn den mhachair
Far na rinneadh càradh na sàir ghabh seachad;
Gach nì mar bha ac' 's a dh'fhàg iad againn
Gach clach mar chàraich iad làidir daingeann.

'S cuimhne, 's cuimhne leam loinn gach fearann
Bha tur air àiteach 's fo bhàrr a' crathadh;
Sona sàmhchair bha ghnàth riutha maille
Nan saothair làitheil air sgàth na dachaigh.

Bidh am feasgar ciaradh 's a' ghrian a' cromadh
Bidh sìth a' riaghladh 's an dèandas seachad;
An crodh 's am buachaill a' tighinn guanach dhachaigh
Is gàileis chloinn anns gach ceann dhen bhaile.

Bidh mais an t-samhraidh cur loinn a bharrachd
Air cnuic 's air glinn, air gach beinn is bealach;
Bidh eòin cho aoibhneach a' seinn le caithream
Bu bhrèagh' a' ghrian a' dol sìos à sealladh.

Bidh an ceòl is àbhaist aig tràigh na mara
Muir-làn is tràghadh gun thàmh gun anail;
Gach nì tha tràthail, mar bha gun mhaille
Sin fhèin na tha mar a bha 's na Dailean.

Ged bheirist dhomhsa bhith òg ro mhadainn
Le cead bith-beò anns an dòigh bu mhath leam;
An Daile Mòr gum bu deònach dh'fhanainn
Gun sùil ri stòr ach bith-beò bhith agam.

Seinneadairean / Performers

Cairistìona Primrose

Cairistìona Primrose

Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Càrlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais tràth as na 50an. 'S ann às Càrlabhagh a bha a pàrantan, ...

Fiosrachadh air Cairistìona Primrose / Learn more about Cairistìona Primrose
Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Tonkan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.