Baile Chalanais

Òran air a sgrìobhadh le: seònaid nicÌomhair agus air a sheinn le: dòmhnall macÌomhair (Dòmhnall Choinnich Ìomhair).

This is a song written by: seònaid nicÌomhair and sung by: dòmhnall macÌomhair (Dòmhnall Choinnich Ìomhair).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Innsidh mise nise dhut mu Leòdhas nam beann àrda
Agus baile Chalanais àit' mo bhreith is m' àrach
Tha iad an-duigh cho spaideil ann 's nach mòr gun dèan iad àiteach
A' cur an cùl ri croitearachd mar a rinn mo mhàthair.

'S baile mòr a bh' againne nuair a bha mi tàmh ann
A h-uile fear ri breab'daireachd 's a bhean a snìomh an t-snàth dha
Cruachan coirce is eòrn' aige is liosan mòra càla
Snèipean agus curranan is slocan le buntàta.

Bha cearcan agus coilich ann tunnagan le ràcair
Laoigh agus searraich agus caoraich anns na pàircean
Spaidean agus cromanan tairsgeirein is gràpan
'S a h-uile nì a dh'fheumadh iad 's an talamh ac' ga àiteach.

'S ma thèid thu 'n-diugh don bhail' againn chan fhaic thu fear ri 'g àiteach
Chan fhaic thu tè le croman ann neo idir tè le ràcan
A h-uile fear is colair air is clòth aig air a' ghàrradh
An t-aìrgead mar na sligean ac' 's gun teine meadhon làir ann.

'Tà gun rinn na Tursachan rium-sa fàilte ghàire
Nuair a chaidh mi dh'amhairc orra tarsainn air a' ghàrradh
Thuirt an tè bu mhoth' aca gun aithnicheadh i nam phàisd mi
'S nach b' fhada nis nam fuireadh gu faicinn talamh fàs ann.

Ciorstag Aonghas Iain 's i aig Uilleam Aonghais Sheumais
Seònaid Aonghais Iain Bhig aig sergeant an Dùn Èideann
Cuid de na caileagan aig laghaichean tha feumail
Cuid aca bha eireachdail aig Iùdhaich anns an Èipheit.

'S e Calanais as modern an-duigh th' ann an Leòdhas
Lino air an starsaich ac' is solas ann am bobhla
Faileas as na cagailtean is carpet air gach seòmar
Tractar air na feannagan, bulldozers anns a' mhòine.

Ma theid thu 'n-diugh don bhail' againn 's gun tèid thu steach don bhàthaich
Chan fhaic thu gin a dh'inneal ann mar a bh' aig do mhàthair
Chì thu spit and polish ann is varnish air gach stàile
'S an crodh a' tabhairt bainne dhaibh le dealan apparatus.

Faire faire dhachaigh bheag nach tusa rinn am progress
Bho bha mi beag is piollach ann le còta fada drògaid
Is ged a bha mi cas-ruisgte is iomadh là gun bhrògan
'S e gun rugadh mi an Calanais a dh'fhàg mi buileach pròiseil.

Tha mi an-diugh air m' thaigheadas am baile mòr Dhùn Èideann
Chan fhaic mi 'm baile Canach ud no solas Eilean Ghrèineam
Ged a tha mi sona leis an duine tha cho ciatach
B' fheàrr bhith leis an Calanais le dronnag fon a' chliabh ann.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.