Ar Baile

Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).

This is a song written by: Cairistìona NicDhòmhnaill and sung by: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Fàilt' air an dùthaich is fàilt' air a' bhaile,
Is fàilt' air an dachaigh a dh'fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, 's an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh'fhàs e.

Tha bannan ann fhathast gu làidir gar tarraing
Nas lùthmhor na stòras is saoibhreas,
Nas dlùithe gar teannadh na slabhraidhean daingeann
'S ar n-aigne gu lèir ann an daimh riuth'.

Air cho fada 's gun triall sinn, thar chuantan is chrìochan
Cha tèid dìochuimhn' air toiseach ar làithean;
'S nach mòr an toil-inntinn bhith tilleadh a dh'ionnsaigh
Na muinntir bha dlùth dhuinn nar pàistean.

Fuaim ceòlmhor na mara ri flodraich sa chladach,
Fàile cùbhraidh an fhraoich is na mòna;
Crodh is caoraich a' bhaile air feur Linnteagarraidh
A' lìonadh ar broilleach le sòlas.

Seinneadairean / Performers

Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Thogadh Donaidh 'Large' Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhàthair Cairistìona NicDhòmhnaill, Cairistìona Drogaidh, na tidsear. ...

Fiosrachadh air Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) / Learn more about Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.