Aoir an Radain

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O-ho-ro radain 's na ho-ho-ro eile
O-ho-ro radain 's na ho-ho-ro eile
O-ho-ro radain 's na ho-ho-ro eile
'S gorach an t-astar gun tainig tu chèilidh.

A radain mhic ghobaich tha crostach san arbhar
Is dubh ga do chorp ma thèid 'Topsy' a shealg ort
Cha teàrn do luath chas thu no idir toll balla
Gum bi e air t' amhaich gu grad gu do mharbhadh.

Nach ann ort a bha 'n dalladh 's an amaideas mòr uair
bu chòir dhut, a bhraidein, bhith tagradh ri tròcair.
Tha trap aig a' chaillich 's mur dèan i do ghlacadh
Chan fhàg an cat glas air an talamh seo beò thu.

Dè chuir, a bhròinein, thu spògail an astar
'S a liuthad àit' tha 'n Eòropaidh mòran nas beartaich
'S nach iarradh tu shòlas ach biadh baile mòir
Bhith fod fhiaclan na shròicean 's do bheòshlaint an asgaidh.

'S nan gabhadh tu mo chomhairle-sa 's ann a thogadh tu imrich
'S dh'fhàgadh tu sabhal gu h-obann 's gu h-iomlan
B' fheàrr dhut bhith bochd ann an stòras 's an codach
Na tòrr bhith nad sporan 's tu tagairt ri tiomnadh.

Mur a còrd bail' an t-siabainn riut 's ciatach dhut fhàgail
'S chomhlairichinn ruaig a thoirt sìos an Cnoc Àrd dhut
'S mar an stad thu sa Phort na bi crost ann an Lìonail
Tha 'm polas cho geur ort is dèan às a Thàbost.

'S ma bha na do bheachd tè thoirt dhachaigh ri pòsadh
Tha pailteas an Adabroc 's deallan an Eòropaidh
'S mas e tè leòmach is còir dhut a mealladh
Tha Sgiogarstaigh pailt annt' 's gabh tarsainn a' mhònaidh.

Ach 's ann orm-sa bha 'n t-amaideas teannadh gad aoireadh
Agus fhios 'am nach caraich do chas às an t-seann taigh
Mun ith thu na dh'fhàs dhomh do phòr às an talamh
Bidh peinnsein nan stampaichean agad, a chaomhain.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...

Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.