Aoir air Pàdraig Sellar

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Bàillidh agus air a sheinn le: Seumas C. M. Caimbeul.

This is a song written by: Dòmhnall Bàillidh and sung by: Seumas C. M. Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hò 'n ceàrd dubh, hè 'n ceàrd dubh;
Hò 'n ceàrd dubh dhaor am fearann.

Chunnaic mise bruadar,
'S cha b' fhuathach leam fhaicinn fhathast,
'S nam faicinn e 'nam dhùsgadh,
Bu shùgradh dhomh e rim latha.

Teine mòr an òrdagh
Is Roy 'na theis-mheadhoin,
Young bhith ann am prìosan,
'S an t-iarann mu chnàmhan Shellair.

Tha Sellar an Cùl-Mhàillidh
Air fhàgail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sàradh
Gach aon nì thig na charaibh.

Tha shròn mar choltar iarainn
No fiacail na muice bioraich;
Tha ceann liath mar ròn air
Is bòdhan mar asal fhireann.

Tha rugaid mar chòrr-riabhaich
Is ìomhaigh air nach eil tairis,
Is casan fada liadhach
Mar shiaman de shlataibh mara.

'S truagh nach robh thu 'm prìosan
Rè bhliadhnan air uisg' is aran,
Is cearcall cruaidh de dh' iarann
Mud shliasaid gu làidir daingeann.

Nam faighinn-s' air an raon thu
Is daoine bhith gad cheangal,
Bheirinn le mo dhòrnaibh
Trì òirlich a-mach dhed sgamhan.

Chaidh thu fhèin 's do phàirtidh
An àirde gu bràighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhràthar
'Na smàlaibh a-suas 'na lasair.

Nuair a thig am bàs ort,
Cha chàirear thu anns an talamh,
Ach bidh do charcais thodharail
Mar òtrach air aodann achaidh.

Bha Sellar agus Roy
Air an treòrachadh leis an Deamhan
Nuair dh' òrdaich iad an compaist
'S an t-slabhraidh chur air an fhearann.

Bha 'n Simpsonach 'na chù
Mar bu dùthchasach don mharaich',
Seacaid ghorm à bùth air,
'S triùbhsair de dh' aodach tana.

'S i pacaid dhubh an ùillidh
A ghiùlain iad chum an fhearainn-s',
Ach chìthear fhathast bàitht' iad
Air tràilleach an cladach Bhanaibh.

Cuspair an Òrain

Anns an leabhar The Trial of Patrick Sellar (Routledge and Kegan Paul, Lunnainn, 1962) tha Iain Grimble ag ràdh gu bheil e coltach gun deach an t-òran a sgrìobhadh le fear Dòmhnall Bàillidh goirid an dèidh na cùirt lagha aig Pàdraig Sellar ann an Inbhir Nis air 23 Giblean, 1816.

Am measg na bhathas a' cur às leth Shellair, a bha na iar-bhàillidh aig Ban-iarla Chataibh, bha gun do chuir e fhèin agus cuideachd leis teine ri taigh Uilleim Shiosail ann an Rosal ann an Srath Nàbhair, san Ògmhios 1814. Bha Uilleam Siosal a' cumail a-mach gu robh a mhàthair, a bha sean agus air an leabaidh, as an taigh aig an àm a las iad an teine. Ged a chaidh aca air a toirt a-mach gu fasgadh ann am bàthaich, chaochail i còig làithean às dèidh sin. Mar tha an t-òran ga chuir:

Chaidh thu fhèin 's do phàirtidh
An àirde gu bràighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhràthar
'Na smàlaibh a-suas 'na lasair.

B' ann à Siorrachd Mhoireibh a bha am fear-lagha, Sellar, agus thàinig e fhèin agus Uilleam Young a Chataibh ann an 1808 a dh'obair dhan Bhan-Iarla. Bha làmh mhòr aca anns na planaichean a dh'adhbharaich gun deach mòran sluaigh a ghluasad far fearann na h-oighreachd.

Ghabh iad nan dithis tuathanas chaorach ann an Cùl Mhàillidh, faisg air Goillspidh, agus sgiùrs iad na daoine far an fhearainn sin cuideachd.

Tha Sellar an Cùl-Mhàillidh
Air fhàgail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sàradh
Gach aon nì thig na charaibh.

Ged nach d' fhuaireadh Sellar ciontach as a' chùirt de na casaidean a bha na aghaidh, chan eil teagamh nach eil a dhroch chliù maireannach am measg nan Gaidheal mar dhuine a bha na mheadhan air daoine fhuadach as an dachaighean, tric le làmhachas-làidir, ged nach eil a h-uile eòlaiche eachdraidh ag aontachadh ris a' bharail seo.

Seinneadairean / Performers

Seumas C. M. Caimbeul

Seumas C. M. Caimbeul

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...

Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.