An Tèid Thu Leam A Rìbhinn Òg

Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig phort rìgh (Seinn Cheathrar).

This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: còisir ghàidhlig phort rìgh (Seinn Cheathrar).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

An tèid thu leam, a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An tèid thu leam, a rìbhinn òg,
A-null gu tìr nam beanntan?

Chì thu 'n ròs a' fàs fon driùchd,
'S a' mhil ag èirigh suas na smùid,
Is eòin nan geug a' seinn dhuinn ciùil
Le sunnd an tìr nam beanntan.

Chì thu 'n gleann san robh mi òg,
Nuair bha mo chridhe maoth gun ghò,
Mun d' fhuair mi eòlas riamh air bròn,
No leòn an tìr nam beanntan.

Chì thu creagan gruamach àrd,
Na neòil a' sguabadh air am bàrr;
Bidh fuaim nan allt a' ruith le gàire
Gu tràigh, an tìr nam beanntan.

Chì thu òighean bòidheach, ciùin,
Chaidh àrach ann an glinn mo rùin,
Gu maiseach, fìnealt, glan gun smùr,
Cho ùr an tìr nam beanntan.

Gheibh thu càirdeas, blàths is mùirn,
Is chì thu coibhneas anns gach sùil;
Tha iochd is bàigh a' snàmh an gnùis
Gach dùil tha 'n tìr nam beanntan.

Tìr nam fiùran fearail, fial,
Nach tug an cùil ri nàmhaid riamh,
Bidh cliù, cho fad 's a dh'èireas grian,
Air iarmad tìr nam beanntan.

Ged chaidh an sgaoileadh anns gach ceàrn,
Air feadh gach tìr mun iadh an sàil,
Bidh cuimhne aca le aigne blàth,
Gu bràth air tìr nam beanntan.

Siùbhlaidh sinn, matà, le deòin,
Tha 'n samhradh caoin air teannadh oirnn,
Tha choille 's am fraoch is blàth an fheòir
Nan glòir an tìr nam beanntan.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.