An Teàrnadh Mìorbhaileach

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacAoidh agus air a sheinn le: Donnie Murdo MacLeòid.

This is a song written by: Iain MacAoidh and sung by: Donnie Murdo MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e sud an tèarnadh mìorbhaileach,
rinn Ìosa Mac na h-Òigh,
air daoinibh naimdheil, mì-rùnach,
leig 'iomhaigh dhiubh de'n deòin;
Is ghabh E nàdar fìor-ghlan air,
gu dìoladh anns an fheòil,
is dh'fhulaing E 'm bàs piantachail,
mar chrìochnaich E o thòs.

Gach aon nì rinn ar Slànuighear,
bu chàirdeas e dheth fhèin,
gun neach air bith bhith toilltinneach,
air oighreachd fo na ghrèin;
Ach comhairle ghlic na Trianaid,
's a chriochnaich i do rèir,
mun d'rinn E 'n talamh iochdarach,
neo iarmailtean nan speur.

Na flaitheanas is àirde dhiubh,
leis rinneadh iad air thòs,
dachaigh naomh is aingle,
sam bheil aoibhneas agus ceòl;
Is rinneadh solas àillidh leis,
mar chàirdeas do gach feòil,
mar dh'òrduicheadh leis seasaidh e,
's b' e am feasgar an ceud nòin.

An iarmailt àrd bhuan sheasmhach sin,
leis rinneadh i na thràth,
ris an gairmear flaitheanas,
far an cheil tathachadh gach neul;
A rinn gach uisge dhealachadh,
nan suidheachadh gu tàmh,
thug àithne dhoibh mar stadadh iad,
's b' e mhadainn 'n dara là.

Leis chruinnicheadh na h-uisgeachan,
a chlisgeadh a dh'aon àit',
an fhairge bhuan ro fharsaing, is
mun cuairt dhi 'n glas a' fàs;
Rinneadh sud san saoghal leis,
's gach craobh tha tighinn fo bhlàth,
's gach aon luibh ghlas mar th' againn seo,
's b' e mhadainn an treas là.

Rinnneadh grian is gealach leis,
gu sgarachdainn nan tràth,
is reultan glan nan cùrsachan
b' E is ùghdar gach nì bha;
Rinneadh mìos is seachdain leis,
is bliadhnan ceart mar b' àill,
is làithean, is oidhche a dh'òrdaich E,
's b' e nòin an ceathramh là.

Rinn E gach ainmhidh gluasadach,
th'air an cumail suas air tìr,
's na cluaintibh ann an lìonmhaireachd,
's an uaiths' tha 'n teachd-an-tìr;
Rinneadh iasg nan cuantan leis,
mar bhiadh dha'n t-sluagh gun dìth,
Is eunlaith rèir an nàdair-san
's b' e an còigeamh là an tìm.

Rinneadh duine calamand leis,
de dhus na talmhainn fhèin,
is rinn E sona sealbhach e,
nam falbhadh e do rèir,
Thug E comas cinnteach dha, air
gach nì tha fo'n ghrèin,
Is shuidhich E 'n lios Phàrrais e,
's an t-siathamh là gun bhreug.

B'fhurasda dhan Tì ro ghlòrmhor ud,
ri mòmaint bhig de thìm,
gach aon nì rinn e òrdachadh,
thoirt còmhladh leis gu crìch;
Ach sann a ghabh E'n tìm ud ris,
chum fìrinn chuir an cèill,
an seachdamh là do shaoradh leis,
na Shàbaid naomh dha fhèin.

Tha gach creutair tàmh san t-suidheachadh,
san d'rinneadh iad an tòs,
a' cuir an cèill an taingealachd,
a-rèir an cainnt san dòigh;
Ach an duine meallta seo,
sann shanntaich e le 'dheòin,
nì thilg a-mach à Pàrrais e
's on fhàbhar bh'aig' an glòir.

Is shuidhicheadh 'n lios Phàrrais e,
gu h-àiteach is gu dìon,
is rinn E 'n tòs ri Adhamh'n sin,
an cumhnant àraidh gnìomh;
Is gheall E beath' is fàbhar dha,
is flaitheas àrd gun fhiamh,
mar tarraingear bristeadh bàsmhor e,
gus mheas a chnàmh le miann.

An sin nuair a thàinig Sàtan,
a dh'fhios na mnà le foill,
am broinn nan nathrach-nimhneach ud,
na shampuillear bochd lom;
Is chreid iad cainnt a' chealgadair,
le argumaid gun bhonn,
nì tharraing fo phian bhàsmhorach,
iad fhèin gu bràth 's an cloinn.

Nach daor an ceannach ailghios e,
gu bràth bhith fulaing pèin,
san teine bhios gun fhàilligeadh,
's nach teirig cnàmh na bèisd;
Sin cor nan daoine nàdurrach,
a dh'aicheun fàbhar Dhè,
nach fhaicear am Fear-saoraidh leò-s'
da fhocal naomh nach d'ghèill.

Is sinn a chleachd an t-antalachd,
am peacadh sanntach truagh,
o d' shlighibh-sa tha sleamhnachadh,
le cridhe meallta cruaidh;
'S ann dhuinn bu mhithich tionndadh,
's gu bheil lighich ann ri luaidh,
a bheir gu coileant' slàinte dhuinn,
mun tig am bàs le bhuaidh.

Nuair chunnaic 'n Tì ro ghlòrmhor sin,
mòr thròcaireach do bhi,
a chuimhnich air an t-seòrsa ud,
a dh'òrdaich E ro thìm;
Rinn E an cùmhnant gràsan riutha,
mòr chliù gu bràth don Tì
gum fulaingeadh Crìosd an Slànaighear,
am bàs airson na sìth.

Is iomadh gealladh fìrinneach,
tha 'm Bìoball cuir an cèill,
Rinn Dia o dhoimhn' na tìoma ud,
dha mhuinntir dìleas fhèin;
Thoirt misneachd agus sòlas dhoibh,
is còmhnaidh ri am feum,
nuair thigeadh drachdan 'n nàmhaid orr',
neo neart o'n nàdar fhèin.

Gheall e 'n cridhe feòla dhoibh,
gu leòn a chridhe chruaidh,
's an cionta bha dearg mar sgàrlaid,
gun dèant' iad bàn mar chlòimh;
'S gum maitht' am peac' ro ghràineil-san
le feartan bàs an Uain,
ged bu lìonmhor mòr ri 'n àireamh iad,
na gaineamh bhàn a' chuain.

Bithidh E na Dhia 's na nearta,
do gach neach tha'g iarraidh 'ghnùis,
's an t-àm a bhuaileas èiginn iad,
bithidh èis ac' air an cùl;
Gheall E an t-uisge fìor-ghlan dhoibh,
's nach iotadh iad nas motha,
is mil is bainne dh'àraicheadh
le sloinneadh gràis as ùr.

Bithidh easbhaidh air na leòmhannaibh,
is dòrainn a' chion bidhe,
's na leòmhainn òg làn ocarais,
ge mòr an neart 's an clìth;
Ach iad-san a chaidh soillseachadh,
is iompachadh gu fìor,
cha tig easbhaidh thalmhaidh orr',
's am feasd gheibh 'n anama sìth.

Is beanaicht' anns an t-saoghal iad,
na daoine dha 'n tug E 'n ciall,
le fhocal naomh 's le òrduighibh,
chaomh thròcair tha gan dìon;
An tìm am beath' bithidh sòlas aca',
's iad feitheamh fòs ri triall,
a dh'ionnsaidh 'n ionad ghlòrmhor sin,
's am bheil ceòl gun chrìoch.

Is mairg na daoine mì-rùnach,
rinn ìomhaidh dhe na bhreug,
is nach creid anns an Tì naomh ud,
bheir lìbhrigeadh o phèin;
'S an lughad 's bheir an saoghal dhoibh,
de shaorsainn ann am feum,
nuair thig an teachdair' uamhasach,
gun toirt gu uaigh is eug.

Nan creideadh luchd na h-eucoireach,
gur èiginn dhoibh dol bàs,
is cunntas thoirt às dèidh seo,
gu grunnd am feich gun dàil;
Gach aon nì riamh a ghnìomhaich iad,
ged bu dìomhair e o chàch,
gum bithidh iad air an soillseachadh,
's a chroinneadh leotha gu bràth.

Tha 'n Tighearn' treun ro fhàbharach,
rèir fhaidheadrachd o thòs,
a cheil na nithe dìomhair ud,
air daoinibh crìonta seòilt;
Rinn aithnichte' iad do chìochranaibh,
gun fhiachan air ach deòin,
mòr chliù do ainm ro ghràsmhor-san
dham buin gu bràth a ghlòir.

Seinneadairean / Performers

Donnie Murdo MacLeòid

Donnie Murdo MacLeòid

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gàidhlig mar chiad chànan, rud nach robh cho àbhaisteach am measg a ...

Fiosrachadh air Donnie Murdo MacLeòid / Learn more about Donnie Murdo MacLeòid

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.