An t-Oighre Òg

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: alexandra nicThòmais, deirdre nic an t-Sagairt, kathleen henry, Màiri NicAonghais agus Màiri NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: alexandra nicThòmais, deirdre nic an t-Sagairt, kathleen henry, Màiri NicAonghais and Màiri NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O hì 's na hì iù o,
Hì ri rì 's na hì iù o,
O hì rì 's na hì iù o,
'S e mo rùn an t-oighr' òg.

Oighr' òig à Dùn Bheagain
Nam pìoban 's nam feadan,
'S mi gun dèanadh do fhreagairt
Le fead cinn a' mheòir.

Cha bhiodh ormsa bonn cùraim
Ach thu fhèin bhith ga stiùireadh,
Ged a bhiodh a' mhuir dhùbh-ghorm
Tighinn dlùth don t-slait-bheòil.

'S e 's fasan don àrmann
Bhith falbh anns gach àite,
Le ghillean 's le bhàta
Bha àlainn 's gach dòigh.

Tha ùbhlan nad ghàrradh
Agus peuran a' fàs ann,
Tha do chrodh air bhàrr fàsaich
'S tha do bhàta fo sheòl.

Sguiridh mise gad iargain
Bho nach fhaigh mi thu 'm bliadhn',
Ach seo mo làmh nach mi chiad tè
Fhuair briathran do bheòil.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Màiri NicDhòmhnaill

Rugadh Màiri "Denny" NicDhòmhaill ann an Eòlaigearraidh, ann am Barraigh, air 13 Giblein, 1942. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhàin, ...

Fiosrachadh air Màiri NicDhòmhnaill / Learn more about Màiri NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.