An t-Iarla Diùrach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Alma Kerr, Anna Mhoireach, Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus sìne m. nicGillìosa.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Alma Kerr, Anna Mhoireach, Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu and sìne m. nicGillìosa.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Mas ann gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu,
Mas ann gam mhealladh às dèidh do gheallaidh,
'S e, luaidh, do mholaidh nì mi gu bràth,
Mas ann gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu.

Rìgh! gur mise tha gu tùrsach
Gaol an Iarla ga mo chiùrradh
Tha na deòir a' sìor ruith o m' shùilean
'S mo chridhe brùite le guin do ghràidh.

Bha mi raoir leat na mo bhruadar
Thall an Diùraidh nam beann fuara
Bha do phògan mar bhiolair uaine
Ach dh'fhalbh am bruadar is dh'fhan an cràdh.

Siùbhlaidh gealaich anns an iarmailt
Anns a' mhadainn èiridh grian oirnn,
'S coma leam-sa sear no siar iad
Is gaol an Iarla na thuaineal-bàis.

Thig, a ghaoil, agus dùin mo shùilean
'S a' chiste-chaoil far nach dèan mi dùsgadh
Cuir a sìos mi an duslach Diùrach
Oir 's ann san ùir a nì mise tàmh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Chaidh an t-òran seo a chruinneachadh le Eanraig MacIlleBhàin, Fionn, agus le Coinneach MacLeòid a bha ag obair còmhla ri Marsaili Cheanadach Fhriseal.

Bha e air a ràdh gun deach a dhèanamh le caileag òg a bhuineadh do Cloinn 'ill Eathain Locha Buidhe am Muile, an dèidh dhith tuiteam ann an gaol le Caimbeulach Dhiùraidh.

Tha òran leis an aon shèist ri fhaighinn mar eisimpleir anns an leabhar An t-Òranaiche aig Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich (1879) fon t-ainm An Gille Bàn.

Chunnaic mise thu air a' bhuaile
Agus rìbhinn òg rid ghualainn,
Saoil sibh fhèin nach mi bha truagh dheth
Nuair rinn mi suas ris a' ghille bhàn.

Tha sgeul ùr air tighinn don dùthaich
Mu sguabach ùr as fheàrr a sgùras,
Ach nuair a dh'fhalbhas an duilleach ùr dhith
Cha dèan i sgùradh nas fheàrr na càch.

Ged a gheibhinn-sa mac duin' uasail,
Agus mìle chrodh-laoigh air bhuailtibh,
Gum b' fheàrr leam cadal an lagan uaine
Air leabaidh luachrach lem ghille bàn.

Rìgh! gur mise tha gu tùrsach
On chaill mi an t-òigear rùnach;
'S tric na deòir a' ruith bhom shùilean,
Cha dèan iad dùnadh gu briseadh latha.

'S tric a bha thu ri mo ghualainn,
Cridheil, ceòlmhor, an àm na buana,
Ach bhon àm sin do ghaol gun d' fhuaraich
Is thug thu fuath dhomh an àite gràidh.

Siud an sealladh rinn mo leònadh,
Bhith gad fhaicinn-sa Didòmhnaich,
Am measg do chàirdean 's do luchd-eòlais,
'S cha b' fhiach leat fheòraich an robh mi slàn.

Ged a gheall thu mise phòsadh,
'S ged a dh'fhàg thu an-diugh mi brònach,
Guidheam dhut-sa chaoidh gach sòlas,
Cho math ri òg-bhean a bheir dhut gràdh.

Thig a-nis agus dùin mo shùilean,
Sa chiste chaoil nì na saoir a dhùnadh
Leag sìos mi san anart dhùbailt'
Oir 's ann san ùir a nì mise tàmh.

Seinneadairean / Performers

Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Tha na ceathrar a tha a' seinn còmhla uile nam buill de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Choisinn iad a' phrìomh dhuais airson Òran Cheathrar aig a' ...

Fiosrachadh air Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu / Learn more about Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu
Alma Kerr

Alma Kerr

'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus càirdean a màthar do ...

Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...

Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.