An t-Each Ruadh

Òran air a sgrìobhadh le: seonaidh raghnaill agus air a sheinn le: an teaghlach rankin.

This is a song written by: seonaidh raghnaill and sung by: an teaghlach rankin.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom 's cha charaich e
Cha taobh na caileagan mi
On sheòl mi fhìn nam mharaiche.

An t-each ruadh aig Roland Steele
Gun chuir na biastan tachais ann
Nuair a dh'ith iad dheth an fheòil
Cha d' fhàg iad mòran craicinn air.

'S eadar Nollaig is Bliadhn' Ùir
A chaidh e null gu Garrett leis
Chuala e gun robh e tùrail
Airson a' bhrùid examineadh.

Nuair a ràinig e an cùl
Cha d' rinn e fiù is aithneachadh
Gus na bhruidhinn e as a' Bheurla
"em>Can I trade this animal/em>?"

"Gur e Finnigan chuir an taobhs' mi
Chan eil mi 'n dùil do mhealladh leis
Cuir air ceithir cruidhean ùra
'S mo rùn gun dèan e tarraing dhut".

Nuair a thòisich e ga chruidheadh
Bhìd e 'n cùl na claiginn e
'S ann thuirt Roland ris gu diùmbach
Bhrùth thu air a spavin e.

'S ann thuirt Garrett ris gu fiadhaich
"Cha do bhiadh thu ceart bho Shamhain e
Cha dèan e ach biadhadh fhitheach
Tha na biastan damaint air."

"Teich dhachaigh leis gun dàil
Mus fhaigh an làir 's an searrach iad
Na faiceam thu gu sìorraidh bràth
A-mach air bràigh a' bhuail' agam."

Gu robh càball aig na 'reins'
Bha mòran orr' do shnaimeanan
'S cuip aige do 'wire' on fheòir
Is straic e cnàimh na droma aige.

Nuair a ràinig e an stòr
Bha 'n t-each na lòn fallais aig'
Ach thuirt e ri Bessie as an stòr
"Lord, how that horse was travelling."

Gur e Hector bha ga chruidheadh
Siud a mhill na casan aig'
Gan cur air le tàirnean bàta
Gur h-ann a b' fheàrr a dh'fhanadh iad.

Siud far an robh am beathach lively
Falbh a dhraibheadh sgoilearan
Nuair a ràinig e an Còbh
Cha mhòr bhiodh ann air toiseach air.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.