An t-Alltan Dubh

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Friseal agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir ghàidhlig dhun èideann, dòmhnall macÌosag agus raghnall macIain.

This is a song written by: Dòmhnall Friseal and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir ghàidhlig dhun èideann, dòmhnall macÌosag and raghnall macIain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha ligh' an-diugh san alltan dubh
'S chan urra mi dhol thairis air;
Tha eagal orm aig meud an t-sruth
Nach fhaigh mi 'n-diugh a-null air.

Tha 'n t-alltan dubh cho bagarrach,
'S e 'n dùil gun till e dhachaigh mi
Le thururaich is le thartaraich,
Le bhagartaich 's le bhùtaich.

Chì mi na daimh chràiceach thall
'S an lagan bheag sam b' àbhaist dhaibh;
'S nan tiginn uair mun tàinig mi
Cha bhiodh iad slàn sa chunntas.

Saoil thu Mhòrag nighinn Fhionnlaigh
An glèidh thu dhomh do ghealltanas,
Ma gheibh sinn thar an alltain seo
Nach toll thu fear den triùir ud?

Nuair ràinig mis' an t-àite
Far an do gheall i dhomh bhith sàbhailte,
Bha mac nan sonn ri làr aice
Mun tug mi mhàin om shùil i.

Thuirt Mòrag is i freagairt rium -
"Na cuireadh e bonn eagail ort
Nach faigh thu 'm fear is treise dhiubh
Ma fhreagras do chuid fùdair."

Tha seachd bliadhn' is tamall ann
Bhon thug mi à Srath Charrainn thu;
'S i Nic an t-Saoir a cheannaich thu
'S chan aithreach leam an cùmhnant.

Seinneadairean / Performers

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...

Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.