An t-Àilleagan

Òran air a sgrìobhadh le: an dotair iain mac a' chleirich agus air a sheinn le: anna m. nicGillìosa agus Seònaid NicGriogair.

This is a song written by: an dotair iain mac a' chleirich and sung by: anna m. nicGillìosa and Seònaid NicGriogair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Till dhachaigh, till o Àilleagain,
Thoir leat mo thàmh 's mo shuain,
Oir chan eil aon dhiubh nis air sgeul
On dh'fhalbh thu fhèin Diluain.
Ach thuit nan àite iargain mhòr
Mar oidhche dhuibh mun chruaich,
Nach falbh a chaoidh mur till thu, chiall,
Mar ghrian na maidne nuaidh.

On thriall thu bhuainn tha fann-ghuth gaoil
Mar fhaochaig taobh a' chuain,
A' dòrtadh mach à luinneig fhaoin
'S gam chlaoidh le caochladh duain;
A' cur nam chuimhne aoin a bha
Làn sòlais gràidh gach uair
E nis na aonaran gun stàth,
'S an t-Àilleagan fad bhuaith'.

Cha labhair sinn an sin nas mò,
Le bròn, mu sgaradh cruaidh,
Ach fuadaichear gach smuain den t-seòrs'
Air falbh mar cheò nan cruach.
'S gus an trèig an ceòl an sruth
'S an trèig a guth a' chuach
Chan fhaicear caochladh air ar gràdh,
Chaomh Àilleagain, mo luaidh.

Seinneadairean / Performers

Seònaid NicGriogair

Rugadh Seònaid NicGriogair ann an 1946. Bha a màthair, Catrìona NicDhonnchaidh à Ealaghol as an Eilean Sgitheanach, air tighinn a theagasg dha na Hearadh, far ...

Fiosrachadh air Seònaid NicGriogair / Learn more about Seònaid NicGriogair

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.