An Ròs

Òran air a sgrìobhadh le: mòrag nicGumaraid agus air a sheinn le: runrig.

This is a song written by: mòrag nicGumaraid and sung by: runrig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda,
Fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh',
Na buain e rid mhaireann oir ni e do mhealladh,
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith.

Chreid mi na briathran, a h-uile nì riamh dheth,
Gur brèagha 's gur cùbhraidh, cùbhraidh am blàth,
Bhuain mi am flùran, mar Adhamh an ùbhlan,
'S leònadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth.

Tha mi nis a' crìonadh is m' inntinn air phianadh,
'S mo shùilean a sìor, sìor shileadh dheur,
'S ged 's tric rinn mi gàire, tha sin nis air an fhàire,
'S mo chridhe briste brùite, briste brùite gu lèir.

Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda,
Fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh',
Na buain e rid mhaireann oir ni e do mhealladh,
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.