An Rìbhinn Àlainn (Ochoin a Rìgh 's i mo Rìbhinn Donn)

Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: Murchadh Iain MacCoinnich.

This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: Murchadh Iain MacCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ochoin a rìgh 's i mo rìbhinn donn,
Dh'fhàg mi fo mhì-ghean is m' inntinn trom;
Gur e a bòidhchead a rinn mo leònadh,
'S cha bhi mi beò gun mo rìbhinn donn.

Is truagh an-dràsta nach robh mi 'm bhàrd
A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn,
'S gun innsinn buadhan na maighdinn uasail
Mu bheil mo smuaintean gach oidhche 's latha.

Is tric a bha mi mu laighe grèin'
Lem nìghneig àlainn fo sgàil nan geug,
Sinn ri sùgradh fon bharrach chùbhraidh,
Ach 's cianail tùrsach mi 'n-diugh na dèidh.

Nuair thig an Cèitean do ghleann an fhraoich
Gun toir e fàs air gach blàth-lus raoin,
Is gheibh mi samhladh an sin dom annsachd,
Am flùran greannmhor a dh'fhàs cho caoin.

Mar chanach mòintich tha cneas mo luaidh,
Dearg mar chaorann tha dreach a gruaidh,
A beus 's a nàdar mar neòinean màlda,
No sòbhrag dh'fhàsas fo sgàil nam bruach.

Gur bòidheach, dualach an cuailean mìn
A th' air a' ghruagaich a bhuair mo chridhe,
Gur binne còmhradh na guth na smeòraich;
'S tha mise brònach on dh'fhàg i mi.

Nuair chì mi 'n iarmailt aig ciaradh latha,
Gun iar mo shùil-sa reul-iùil an àigh,
As grinne soillse 's as caoine boillsgeadh,
Mar siud bha mhaighdeann a rinn mo chràdh.

Ged tha mo ghrian-sa a' triall fo sgleò,
Is mise 'm bliadhna mar eun sa cheò,
Togaidh 'n sgàile 's nì ise deàrrsadh,
'S gum faigh mi slàinte gach latha rim bheò.

Seinneadairean / Performers

Murchadh Iain MacCoinnich

Murchadh Iain MacCoinnich

Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios 1943. B' e Murchadh a bh' air ...

Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnich

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.