An Nuaidh Bhreith

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) agus air a sheinn le: tormod coineagan.

This is a song written by: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) and sung by: tormod coineagan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha duin' òg is seann duin' agam,
Tha duin' òg is seann duin' agam;
Nach robh 'n seann duin' air mo chùlaibh,
'S an duin' òg nas mùirnich agam!

Seann duin' mi o leasraidh Adhaimh
On do shìolaich mi thaobh nàdair,
Ach duin' òg tre Lèigh na slàinte
Shaor on bhàs mi tre ghràs naisgte.
Nach robh 'n seann duine na ghràin dhomh
'S an duin' òg na ghràdh nas fhaisge.

Dithis iad nach còrd an càraid
Ged tha 'n-còmhnaidh san aon àros,
Gus a leagar nuas am pàillean
Anns na ghabh iad tàmh mar chairteal.
'N seann duine gu carach lùbach
'S an duin' ùr toirt cùis gach gleachd deth.

Ged tha m' pheacadh dearg mar scàrlaid
Mar an corcair tre ro-dhànachd,
Trusgan sgiamhach na mòr-shlàinte
'N làthair m' òig-fhear rinn mi maiseach:
Dh'fhàg an seann duin' tinn le plàigh mi
'S an duin' òg toirt slàint' air ais dhomh.

'S e 'n duin òg an treun-fhear glòrmhor
Do rèir m' fheum-sa bheir e treòir dhomh,
Seasar eadar mharbh is bheò leis
Bheir e lòn is sògh do m' altram:
An seana duin' gam bhual le dhòrnaibh,
'S an duin' òg le treòir ga chasg dhìom.

Is mòr mo chall le easbhaidh gràidh dha
Ged is tric a shaor on bhàs mi,
Toirt neart domh, eòlas, slàinte,
Mo Rìgh e, m' Fhàidh is mo Shagart;
'N seann duin' a' cur bac' air m' ùrnaigh
'S an duin' òg cur tùis air m' altair.

Tha mi dall 's mo fhradharc dùbailt,
Tinn 's mi slàn 's a ghnàth gam chiùrradh,
Sòlasach 's an-còmhnaidh tùrsach,
Gaoideil, grùideil is glan fallain:
'N seann duin' a' dalladh mo shùilean
'S an duin' òg toirt dhiubh nan lannan.

Foghlam faigh air brìgh mo chòmhraidh
Feuch gu reusanta 's gu còmhnard,
'S mur treabh thu m' àgh gu seòlta
Bidh mo thòimhseachan-s' ort falaicht.
Cuir an seann duin' uat gu h-ealamh,
Cuir an seann duin' uat gu h-ealamh,
Fàs mun t-seann duin' caoin-shuarach,
'S bheir an t-òg dhut buaidh le caithream.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.