An Neamhnaid Luachmhor

Òran air a sgrìobhadh le: Eachann MacFhionghain agus air a sheinn le: Iain MacSuain agus màiri mhoireasdan.

This is a song written by: Eachann MacFhionghain and sung by: Iain MacSuain and màiri mhoireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn
Cha toirinn bhuam i air luach no prìs
Bha 'n Triùir mun cuairt dhith a sheulaich shuas i
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

O chì mi càirdean gach là dol clì
Ag iarraidh stòrais nach mòr a nì
Nach bochd an sluagh sibh, mas e 's nach d'fhuair sibh,
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Nach bochd an sluagh sibh mur d'fhuair iad i
An tiodhlac luachmhor mun cuala sibh;
Ach thig an uair sam b' e 'n call nach d'fhuair sibh
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Chì mi aosmhor mar aon san tìr
A' cromadh daonnan ri taobh a' ghlinn;
'S e cheist an d'fhuair iad san rèis san d' ghluais iad
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

O chì mi òigridh a' còmhnaidh leinn
Le gruaidhean ròsach rinn bòidheach sibh;
'S e dh'fhàgadh snuadhmhor gach nì mun cuairt dhibh
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

'S e dh'fhàgadh feumail is eudmhor sibh
An là na h-òige bhith beò nur crìdh';
A' tagradh suas ris 's ag iarraidh bhuaithe
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Oir thig am bàs oirnn 's chan fhàg e sinn
'S a thìr ar n-àraich gu brath cha till;
Bu mhath bhith 'n uair sin fo dhìon a' Bhuachaill'
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Cha cheannaich òr i 's cha cheannaich nì
No sprèidh air mòintich no lòn na tìr;
Is gheall an t-Uan dhomh nach toirte bhuam i
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Nach fhiach i giùlain gu mùirneach leinn,
Nach fhiach i h-iarraidh el miann ar crìdh';
Nach fhiach i buadhan a chosg mun cuairt dhith
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn?

Cha ghabh e luaidh leinn, a luach 's a prìs
'S e gràdh an uain i dha shluagh a chaoidh -
Nach bochd nach d'fhuair mi bho m' òige suas i
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Nuair bhios an treud nach tug gèill dhan Rìgh
'S a bhinn nan cluasan – "O bhuamsa sibh!"
Nach sona 'n sluagh sin le Neamhnaid luachmhor
Nach toirear bhuapa bhon fhuair iad i.

Nuair dh'fheumar fàgail is slàn thoirt leibh
'S a thèid mo ghiùlain a-null à tìm
Gu seas i 'n uair sin aig Cùirt an Uain mi
An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi fhìn.

Seinneadairean / Performers

Iain MacSuain

Iain MacSuain

Rugadh Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a' Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchair, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhàthar, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Scarastadh fhèin ...

Fiosrachadh air Iain MacSuain / Learn more about Iain MacSuain

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.