An Leòdhasach an Tìr Cèin

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil phort rìgh.

This is a song written by: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) and sung by: còisir àrd-sgoil phort rìgh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gun suidh mi stòlda 's gun dèan mi òran
Do Eilean Leòdhais, tha fada thall;
Do dhùthaich m' eòlais an t-àit' am b' òg mi,
A' ruith gu sòlasach mu gach tom.
A' buain nan ròsan am measg nan neòinean,
'S mo chridhe deònach a' togairt leam,
Ag èisteachd ceòlraidh bhinn na smeòraich,
A sheinneas bòidheach a ceòl air crann.

Gur mis' tha truagh dheth san dùthaich fhuair seo,
Tha 'n sneachda cruaidh air mo chluasan reòtht'
Chan fhaic mi luachair no fraoch 's dath uain' air,
Ach coille ghruamach toirt uam nan neòil,
Cha chluinn mi sòlas bho Luain gu Dòmhnaich,
Measg na h-òigridh a' togail fuinn.
Cha chluinn mi òran ga sheinn gu còmhnard,
Is mis' tha brònach 's gur leòint mi ann.

Ochoin, 's e b' àill leam gun robh mi 'n tràth seo
An tìr mo ghràidh - Eilean blàth an Fhraoich,
Bhithinn sàbhailt am measg mo chàirdean,
'S an tìr mo mhàthar chan fhàsainn aost'.
Bhithinn sàbhailt am measg mo chàirdean,
San dùthaich àghmhor a tà gun ghaoid.
Tha grian a' deàlradh bho gach àird' oirr',
A' toirt fàs air na blàthan faoilt.

Tha 'n dùthaich dhùbhlaidh tha 'n seo gun sùgradh,
Gach neach is grùig air, 's a ghnùis gun rèit,
Tha teas an t-samhraidh a' tighinn cho teann orr',
Ri toirt anntlachd a-steach nan crè.
Tha fuachd a' gheamhraidh mar sin is amhlaidh
'S e cainnt nan Gall a ta ac' gu lèir.
Cha chluinn mi Ghàidhlig a bh' aig mo mhàthair,
A' chainnt as feàrr leam a tà fon ghrèin.

A' Ghàidhlig bhlàth sin a bh' aig mo mhàthair
Nuair a bha mise òg is maoth,
A' tighinn le h-àillteachd a-steach nam àirnean,
A' toirt gàirdeachas gu mo chridh'.
'S mi tha cràiteach 's mo chridh' air fhàsgadh,
'S chan e 'n t-slàint' a tha air mo dhìth,
Ach ionndrainn làitheil air cuid dom chàirdean,
A rinn mi fhàgail fo sgàil an fhraoich.

Fo sgàil an fhraoich sin a tà cho faoilte,
B' e mo shaorsainn a bhith na chòir,
Bhith air àirigh ri mire 's mànran,
Is bainne blàth aig gach tràth ga òl.
Ag èisteachd ceòlraidh an eunlaith bhòidheach,
Air bruaich nan àrd bheann 's sna geugan òg,
'S e sin an t-àit' anns an lùiginn tàmhachd,
Is anns an càirte mi fon fhòd.

Tha fòid mo dhùthcha ri tighinn cho ùr dhomh,
'S gur tric mo shùilean ri sileadh dheòir.
Tha feasgar dùbhlaidh mo latha air dlùthadh,
'S cha mhòir an ùine bhios agam beò.
Tha mo chiabhan a-nis air liathadh,
Mo phears' air crìonadh is i gun treòir.
Mo chridh' tha piantail gach latha ag iargain,
Na dùthcha riabhaich san robh mi òg.

Nan tigeadh m' òige nis orm gum chòmhnadh,
Is mi gun seòladh, cha dèanainn dàil.
Chithinn Mùirneag is beanntan Ùige,
'S gach feadan siùbhlach tha ruith gu tràigh.
Chithinn luachair is fraochan uaine,
'S an dìthean luaineach a th' air am bàrr.
Is chluinninn duanag ga seinn aig gruagaich
A bheireadh smuain uam aig tùs mo latha.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.