An Eala Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) agus air a sheinn le: iain macAoidh, Calum Ceanadach, capercaillie, dòmhnall maccoinnich (Dòmhnall Chròic), gòrdan mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan agus Seumas Greumach.

This is a song written by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) and sung by: iain macAoidh, Calum Ceanadach, capercaillie, dòmhnall maccoinnich (Dòmhnall Chròic), gòrdan mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan and Seumas Greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur duilich leam mar tha mi 's mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhàg mi beanntan àrd a' cheò
Gleanntanan a' mhànrain, nan loch, nam bàgh 's nan òb
'S an eala bhàn tha tàmh ann gach latha air 'm bheil mi 'n tòir.

A Mhagaidh na bi tùrsach a rùin ged gheibhinn bàs
Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu bràth
Chan eil sinn uile ach air chuairt mar dhìthein buaile dh'fhàs
Bheir siantanan na bliadhna sìos 's cha tog a' ghrian an-àird.

Tha mise 'n seo 's mo shùil san iar on chrom a' ghrian 's an t-sàl
Mo bheannachd leig mi às a dèidh ged thrèig i mi cho tràth
Gun fhios am faic mi màireach i nuair dh'èireas i gu h-àrd
Is iomairt lann gu bhith ri chèil' nuair 's lèir dhuinn beul an latha.

Tha mise seo san fhàsaich air sliabh a' bhlàir 's mi leòint'
Cha Ghearmailteach a thàrr mi cuir saighead cràidh nam fheòil
Ach an gaol thug mi dhan mhàldaig, dhan mhaighdeann àlainn òg
A-nochd chan fhaod mi àicheadh nach i chuir ceàrr mo dhòigh.

Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh 's on bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi 'n t-àite san deach ar n-àrach òg
An sin bidh crathadh làmhan ann is bilean blàth toirt phòg
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut le fainne chur mud mheòir.

Ach ma thig an t-àm is anns an Fhraing gum faigh mi bàs,
'S san uaigh gun tèid mo shìneadh far 'eil na mìltean chàch,
Mo bheannachd leis a' ghruagaich, a' chaileag uasal bhàn -
Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi, gun nàire gruaidh na dhàil.

Oidhche mhath leat fhèin a ghaoil nad leabaidh chùbhraidh bhlàth
Cadal sàmhach air do shùil 's do dhùsgadh sunndach slàn
Tha mise 'n seo san trannsaidh fhuar 's nam chluasan fuaim a' bhàis
Gun dùil ri faighinn às le buaidh tha 'n cuan cho buan ri shnàmh.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach
Seumas Greumach

Seumas Greumach

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...

Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach
Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...

Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain
Neilidh Fearghasdan

Neilidh Fearghasdan

Rugadh Neilidh Fearghasdan aig Clachan a' Lùib an Uibhist a Tuath air 17 Faoilleach, 1938. Bhuineadh athair, Dòmhnall Alasdair Rob, dha na Fearghasdanaich a bh' ...

Fiosrachadh air Neilidh Fearghasdan / Learn more about Neilidh Fearghasdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.