An Eal' air a' Chuan

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: màiri rothach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: màiri rothach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S ann a bhruadar mi raoir
An eal' air a' chuan 's i snàmh,
'S a h-aghaidh gu tìr
Bha mo leannan 's mi fhìn mar sgaoil.

Gur e mis' tha fo ghruaim
Bidh mi sineach a luaidh an-dràst',
Gur e stoirm is droch uair
A tha gad shìor chumail bhuamsa, ghràidh.

Tha mo làmhan cho sgìth
'S nach urrainn mi inns' an dràsd
'S mi ri tarruing nan ròp
'S ri cumail nan seòl an àird

Tha lèin' tha ri m' chùil
Cho fluich 'sa ni bùrn na sàl
'S mi ri iarraidh dol sìos
Far bheil nighean mo ghaoil' a' tàmh

Gur e brìodal do bheòil
A mheall mi 's mi òg is faoin
Ach nam faighinn mo mhiann
Bhiodh marcraichean triall do chuim

Thug thu gealladh as ùr
'S chaidh an comann air chùl a bhà
Gura fhada bho'n uair
O mheall iad thu bhuam-sa ghràidh

Cha toir mi ort binn
Ach innis dhomh 'n fhìrinn rèidh
Cha bhith naidheachd ri inns'
Aig fear eil' orm fhìn ma d' dheidhinn.

'S ann a bhruadar mi 'n raoir
An eal' air a' chuan 's i snàmh,
'S a h-aghaidh gu tìr
Bha mo leannan 's mi fhìn mar sgaoil.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.