An Dachaigh Bhuan

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Pàdraig Grannd agus air a sheinn le: Màiri Peckham.

This is a song written by: An t-Urr. Pàdraig Grannd and sung by: Màiri Peckham.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air dhomh bhith sealltainn air saoghal truagh,
Chì mi caochladh tighinn air gach uair;
Chì mi daoine a' cur an cùl rium,
'S a' dol gu dlùth chum an dachaigh bhuan.

Tha sean is òg a' dol sìos don uaigh;
Air lag 's air làidir, tha 'm bàs toirt buaidh.
Nuair thig an t-àm dhaibh an saoghal fhàgail
Mas tinn no slàn iad, cha tàmh iad uair.

Ach 's rabhadh mòr siud do chàch den t-sluagh
'S is mithich dhòmhsa gun chuir fad uam;
Tha rabhadh garbh ann bhith deas gu falbh às,
Oir tha 'n taigh talmhaidh gu tighinn a-nuas.

O anam rannsaich nach bi thu clì;
'S ann thig an call ort ma thèid thu 'n dìth;
Caillidh tu 'n sòlas tha 'n Rìgh na Glòire
Is air do dhòrainn chan fhaic thu crìoch.

Ach mas ann clì tha thu, seo an uair
Gu tighinn dìreach a dh'ionnsaigh an Uain;
Dh'ionnsaigh an Tì sin thug suas an ìobairt
Leis am bheil sìth air a thoirt mun cuairt.

Is ged tha chàirdean an seo air chuairt,
Bheir e an àrd iad is gheibh iad duais;
Nuair thig am bàs thèid iad suas gu Pàrras;
Bi iad gu bràth aig an dachaigh bhuan

Tuilleadh Fiosrachaidh

Dàin Spioradail le Pàdraig Grannd (John Grant, Dùn Èideann, 1897)

Sounds from Heaven le Colin agus Mary Peckham (Christian Focus Publications, 2001)

Seinneadairean / Performers

Màiri Peckham

Màiri Peckham

B' ann à Port Nis, Leòdhas a bha Màiri Peckham (Mhoireasdan). Cha robh i ach 18 nuair a chaidh a h-iompachadh ri linn an dùsgaidh ...

Fiosrachadh air Màiri Peckham / Learn more about Màiri Peckham

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.