An Cruthachadh Nuadh

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) agus air a sheinn le: Dolaidh Moireach.

This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) and sung by: Dolaidh Moireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thì a chruthaich na sùilean
A chitheadh an smùirnean an càch,
O rùisg dhiubh na lannan
A chum mi an cadal a' bhàis;
'S gu faicinn le aithne
Glòir iomlan is maise m' Fhir-Gràidh,
A thug fradharc don dall
Agus solas air gleann na sgàil.

Thì a chruthaich na bilean
A labhradh cho neimheil is faoin,
Na dùnadh am bàs iad
Gus an innsinn do chàch mu do chliù;
'S an teanga tha neoghlan
Gu seinneadh i òran às ùr,
Nach teirig gu bràth
'S nach cuir glasan a' bhàis air chùl.

Thì a chruthaich na cluasan
A dh'èisteadh gach tuaileas is gò,
Nach fhosgail thu suas iad
'S gun cluinneadh iad suairceas do sgeòil,
Guth subhachais 's aoibhneis,
Guth carthannach, coibhneil do bheòil;
Èigh air an ainm iad -
O dùisg o na mairbh is bi beò.

Thì a chruthaich an cridhe
Bha brùideil na shlighean gu lèir,
Nach iompaich thu nis e
Gus am faic e grinneas do sgèimh.
'S ged theich e cian fada,
O, tarraing e fagas nad dhèidh,
Is cùm e ri faire
A' feitheamh 's a' faire riut fhèin.

O cuir mi san àireamh
Bhios agad air deàrnaibh do làimh;
A chitheadh 's a chluinneadh
'S a chreideadh 's a thuigeadh do ghràdh;
'S ged shèideadh orr' stoirmean
Is onfhadh an dearbhaidh gun cràdh,
Mar òr agus airgead
Gun glan thu an cearban led shlàint'.

Am bàs dhaibh cha bhàs e,
An uaigh cha bhi làidir gu leòr;
An corp a bha truaillidh
Gun èirich e suas ann an glòir
Le saorsa bhios sìorraidh
On t-saoghal, an diabhal 's an fheòil,
Gun smal air an trusgan
A nigh iad am fuil an Fhir-Phòst'.

Seinneadairean / Performers

Dolaidh Moireach

Rugadh Dòmhnall Moireach, Dolaidh Chalum Mhurchaidh Ruaidh à Dail bho Dheas ann an Nis, Leòdhas san Dàmhar 1929. Bha athair, Calum bho Àireamh 14 ...

Fiosrachadh air Dolaidh Moireach / Learn more about Dolaidh Moireach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.