An Cluinn thu mi, mo Nighean Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: Art MacCarmaig, Seòras Clavey agus tòmas crawford.

This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: Art MacCarmaig, Seòras Clavey and tòmas crawford.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An cluinn thu mi, mo nighean donn,
Dèan èist is thoir an aire dhomh;
Tha mòran dhaoin' sa bharail seo,
Gur òg an leannan dhomhs' thu.

Is ged bu liath mo chiabhagan,
Na cuireadh sin fo iargain thu;
Chan eil mi sean am bliadhnachan,
'S bu mhiann leam bhith nad chòir-sa.

Thar chuantan mòr gun seòlainn-sa,
'S bheirinn dhachaigh stòras dhut,
'S bhiodh tu gu dòigheil leam
Rid bheò, ma tha thu deònach.

Nis sguiridh mi bhith 'm sheòladair,
Air tìr 's gun fan mi còmhla riut;
On 's fhad 's a tha mi eòlach ort,
Bu bhòidheach leam do dhòighean.

Nis 's aithne dhut mo dhòighean-sa,
Gun d' chuir mi cùl ri gòraiche,
O thig, a ghaoil, 's dèan còrdadh rium
'S le deòin gun tèid sinn còmhla.

Seinneadairean / Performers

Seòras Clavey

Rugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gàidhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Phort ...

Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras Clavey
Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.