An Ciaòra

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh Beag) agus air a sheinn le: Ailig MacIllFhinnein, Calum Ceanadach agus maol-dòmhnaich.

This is a song written by: Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh Beag) and sung by: Ailig MacIllFhinnein, Calum Ceanadach and maol-dòmhnaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair a chaidh sinn uil' air bòrd innt'
Cha do chòrd i idir rinn;
Cha robh cùisean idir dòigheil
Oir bha 'm bòsun air an dràm;
Thug an sgiobair dhuinn an t-òrdugh
Leigeil às gach ròp is ball,
'S thàinig poidhleat steach air bòrd innt'
'S rinn i seòladh sìos an Clyde.

Nuair a sheòl i mach à Glaschu
Air Disathairne gu math tràth,
Chuir i cùrs air fearann Shasainn,
'S leig sinn soraidh le gach àit';
Leig sinn soraidh le na h-eòlaich
Bha gu brònach crathadh làmh;
'S ged bu duilich, b' fheudar seòladh
'S an Ciaòra dol gu sàl.

Dol a-null mu fhearann Èirinn
Bha muir rèidh aice fo sròin,
'S bha i nuair sin dol gu h-aighearach
'S i ri reubadh a' chuain mhòir;
Bha mi sgìth innte dha-rìribh,
Bucaid sudgaidh na mo dhòrn,
Nuair a b' àill leam bhith lem rìbhinn
Fon a' phlaide mhìn gu lò.

Siud am far an robh am bàta,
Tè na b' fheàrr ann an droch uair,
'S ged a bha i cumhad grànda
'S math a shnàmhadh i an cuan;
Dol a-null an Siar-Chuan mòr leinn
Bha 'n Ciaòra 's i cho luath,
'S ceathrar innte bhalaich Leòdhais,
Seòid na b' fheàrr cha d' dh'fhàg an Cluaidh.

Bha MacAsgaill innt' à Gabhsann,
'S feadh na h-oidhche 's e cho dorch,
E ri mionnan dhan a' chombaist,
'S dhan an roinn air robh i falbh;
Bha muir gorm aice mu gualainn
'S e toirt fuaim oirre bha garbh,
'S nuair a chaidh e chun na cuibhle
Stiùir e cuinnlean dhan an stoirm.

Bha deagh chargaibh anns na tuill aic',
Nam b' ann leam a bhiodh e 'n-dràst!
Bha an t-uisge-beath' 's an leann ann
Air an cunntadh stuth a b' fheàrr;
Nam biodh e agam ann an Gabhsann
Gus a roinn a-mach am pàirt.
Cha bhiodh duine 'n Eilean Leòdhais
Nach biodh sunndach aig Dewàr.

O, 's e thusa fhaoileag bhòidheach
Tha ri seòladh os mo chionn.
Ma thadhalas tu dùthaich m' eòlais,
'S e sin Steòrnabhagh an Leòdhas,
Dèan innse dhaibh gu bheil an Ciaòra
Seòladh aotrom bàrr nan tonn,
'S i ri dèanamh cùrsa dhìreach
Air na tìrean fada thall.

'S fhada leam gun tig an samhradh
Nuair bhios àm againn bhios mòr,
Nuair a gheibh sinn fhìn ar cunntas
Bidh sinn cruinn anns an taigh-òst';
Bidh sinn cruinn anns na "Masons"
Far na chleachd sinn a bhith 'g òl,
Oir tha sinn sgìth an seo le chèile
Le gach èiginn tha tighinn oirnn.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Ailig MacIllFhinnein

Rugadh Ailig MacIllFhinnein, Ailigean 'an Ilip, Ailig Iain Fhionnlaigh Alasdair, anns Na Geàrrannan anns a' Ghiblein, 1927, agus b' i Peigi Choinnich 'an Choinnich a ...

Fiosrachadh air Ailig MacIllFhinnein / Learn more about Ailig MacIllFhinnein

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.