An Cagar

Òran air a sgrìobhadh le: catrìona nic ille bhàin ghrannd agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Anna Nic na Ceàrdaich agus seonaid davidson.

This is a song written by: catrìona nic ille bhàin ghrannd and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Anna Nic na Ceàrdaich and seonaid davidson.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sa ghleann ud shuas thug cìobair òg
A chromag dhomhs' an-dè,
Bha 'n cagar chuir e 'm chluais mar cheòl,
'S mo chridh' le sòlas leum,
Chan innis mi 'n cagar ud a luaidh,
Do ghruagach tha fon ghrèin,
Oir mheall e uam, cha cheil mi uat,
Mo chridh' gu buan 's gu lèir.

Tha thu mar ghrèin a' Chèitein leam
A dh'èireas ciùin gun neòil,
A' togail sùil nan neòinean trom,
'S iad crom gu làr fo dheòir.
A' dùsgadh eòin nan tom 's nan geug
Gu dùrdail ait is ceòl;
Chan fhaic mi faileas air mo speur
Fhad 's tha thu fhèin am chòir.

Is tric air madainn earraich chiùin
A lean mo shùil do cheum,
A' dìreadh siùbhlach chnoc is stùc
Feadh chreag is sgur a' leum.
Gum b'fhuaisgealtach do ghluasad treun
Mar chas an fhèidh air raon,
Ri aghaidh speur, air bhàrr nam beur
Do shealladh geur an taobh-s'.

A chìobair òig bha leamsa shuas
Fo sgàil nam bruaich an-dè,
Mar cheòl bha 'n cagar chuir thu 'm chluais,
'S mo chridh' tha fuaight' riut fhèin.
Ach och! 's e 'n-diugh a dh'fhàg mi truagh
Nach meal mi buan do ghaol,
Ged bheirinn suas, air sgàth mo luaidh,
Gu h-uallach, mìle saoghal.

Seinneadairean / Performers

Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Anna Nic na Ceàrdaich

Anna Nic na Ceàrdaich

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do ...

Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na Ceàrdaich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.