Facail an Òrain / Song Lyrics

An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd,
Tha torran a' chuain,
Mar chualas leams' e nam phàist',
Gun mhùthadh, gun truas
A' sluaisreadh gainneimh na tràgh'd,
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd.

Gach làd le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bàn,
Na chabhaig gu cruaidh
'S e gruamach, dosrach, gun sgàth.
Ach strìochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh' aig càch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile seo tàmh.

'S na coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu bràth
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A riamh air lagan a' bhàigh;
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreabh 's an àgh
Air sgapadh gun dìon
Mar thriallas ealtainn roimh nàmh.

Seileach is luachair
Cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
'N d'fhuair mi iomadh deoch-phàit';
Na tobhtaichean fuar
Le bualan 's cuiseag gum bàrr,
'S an eanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blàth.

Ach chunnaic mis' uair
'M bu chuannar beathail an t-àit',
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal modhail nan càil,
Le màthraichean suairc
Làn uaill nan companaich gràidh,
Le caoraich is buar
Air ghluasad moch madainn nan tràth.

Ach siùbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là;
An àm dhomh bhith suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhàis
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd àird.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha bàrdachd eile le Dòmhnall MacÌomhair air fhoillseachadh san leabhar Bàrdachd Leòdhais, air a dheasachadh le Iain N. MacLeòid, air fhoillseachadh an 1916 le Alasdair MacLabhrainn agus a Mhic, ann an Glaschu agus air fhoillseachadh as ùr le Acair ann a' Steòrnabhagh an 1998.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Seòras Clavey

Rugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gàidhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Phort ...

Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras Clavey
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

Màiri NicGillEathain

Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...

Fiosrachadh air Màiri NicGillEathain / Learn more about Màiri NicGillEathain

Eàirdsidh MacIllEathain

Rugadh Eàirdsidh MacIllEathain ann an 1918 anns a' Ghearastan ach thogadh e ann an Innis Lagain, baile beag air bruaich a tuath Loch Garadh, mu ...

Fiosrachadh air Eàirdsidh MacIllEathain / Learn more about Eàirdsidh MacIllEathain

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.