Amhran Mòr Thorcaill

Òran air a sgrìobhadh le: Mòr NicLeòid (Mòr Thorcaill) agus air a sheinn le: Anna NicPhàil agus Peigi Oighrig NicÌomhair.

This is a song written by: Mòr NicLeòid (Mòr Thorcaill) and sung by: Anna NicPhàil and Peigi Oighrig NicÌomhair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Och mar tha mi an dèidh do shùgradh;
'S cianail, tùrsach mi an dèidh do chòmhradh;
Gur e do ghaol-sa rinn mise liathadh,
'S an gealladh dìomhair a fhuair mi òg ort.

'S e toil m' athair is toil mo mhàthair,
'S toil mo chàirdean dhomh bhon bha'd cho gòrach;
'S gun tug iad ormsa mo chiad ghaol fhàgail,
'S a dhol a thàmh ann am meadhan na mòinteach.

Chuir iad mise gu Loch an Acha,
'S beag mo thlachd-sa bhith ann a' còmhnaidh;
Chan fhaic mi bàta ri dol gu sàl ann,
Cha chluinn mi càil ac' ach crodh is òisgean.

'S nuair a dhìreas mi ‘n àrd an cruadhlach,
'S a chì mi an cuan air a bheil thu seòladh;
Gum bi na deòirean ri ruith bhom shùilean,
Mar sruthan bùrn ann an druim na mòinteach.

'S a' rud a gheall thu 's nach d' chuir thu ceann air,
'S e sin sa gheamhradh thighinn dha mo phòsadh;
Mas e 's nach b'fhiach mi 's gun deach e dìochuimhn'
Biodh beannachd Dhia ort cho fad ‘s is beò thu.

'S ged a thigeadh fear uair san t-seachdain,
Cha toir mi gealladh do neach tha beò ac';
Nì mi innse dhaibh-san gu bheil nas fheàrr leam,
Ri tighinn air fàire air long bàn nan ròpan.

'S togaidh mise taigh geal ùr dhut,
Le lobhta dhùinte a chuir fod bhrògan;
Gheibh thu siud agus crodh is caoraich,
'S gach nì dhan t-saoghal a fhuair mi còir air.

Dè ged gheibhinn-sa crodh is caoraich,
Taigh geal air aoladh 's a chur an òrdug?
'S mòr gum b' fheàrr leam mo chiad ghaol fhaotainn,
Gun nì dhan t-saoghal ach deise chòrd air.

'S ged theireadh càch rium gu robh thu suarach,
'S e smior na h-uaisle a bh'annad dhòmhsa';
'S a chaoidh gun càirich iad anns an uaigh mi,
An gaol a fhuair thu, chan fhaigh an còrr e.

Tha cuibhle an Fhortain ri cur nan car dhith;
'S gur mise dh'fhairich siud ged is òg mi:
A' fear a b' fheàrr leam bha riamh san àite'
An-diugh na ghràin leis a thighinn nam chòmhradh.

'S na biodh aon neach a-nise saoilsinn,
Ged tha mi aotrom gu bheil mi gòrach;
Aig gaol na h-òige a chuir air dìochuimhn'
'S e mar a' sgian bhith dol sìos am bòrdair.

Cuspair an Òrain - Cuibhl' an Fhortain

Tha Cuibhl' an Fhortain a' nochdadh ann an grunn òrain, nam measg an t-òran a rinn Alasadair Moireasdan, Alasdair Chaluim à Brù, Leòdhas. An dèidh mor-chuid dhe bheatha a chuir seachad aig muir chaochail e ann an 1951.

Tha cuibhl' an fhortain a' cur nan caran
'S mise dh'fhairich sin ged is òg mi;
An tè a b'fheàrr leam bha riamh san àite
An- diugh gur gràin leatha a thigh'nn nam chòmhradh.

Nuair a thèid mi gu Sràid Iamaica
Bidh fear is tè air a h-uile còrnair;
Ged chithinn searbhant cha dèan mi falbh leatha
Is mi gun lorg air mo charbhaidh bòidheach.

Nuair a thèid mi chun na cuibhle
Meadhan oidhche' is a bhios i reòite;
'S mòr gum b'fheàrr leam a bhith le pàiste
An leabaidh àrd 'n eilean bàn an eòrna.

Faire, faire, faire shaoghail
'S e do ghaol mar a chaidh e dhòmhsa;
'S e dh'fhàg gun tuar mi is tu cho fuar rium
Ri deighean cruaidh air na lochan reòite.

Nuair a thèid mi dhan a' Chruadhlach
'S a chì mi 'n cuan air an robh mi seòladh;
Bidh na deòirean a' riuth bhom shùilean
Mar shruthan bùrn ann am meadhan mòintich.

Seinneadairean / Performers

Peigi Oighrig NicÌomhair

Thàinig Peigi Oighrig NicÌomhair, Peigi Oighrig Aonghais an t-Saighdeir, agus an duine aice, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn nach maireann à Bhaltos, air ais a dh'fhuireach ...

Fiosrachadh air Peigi Oighrig NicÌomhair / Learn more about Peigi Oighrig NicÌomhair
Anna NicPhàil

Anna NicPhàil

Rugadh Anna NicPhàil, Anna Iain a' Gheàrr, ann a' Siabost air 12 Dàmhair, 1942. B' i Oighrig NicLeòid, Oighreig Splin, a màthair agus bhuineadh a ...

Fiosrachadh air Anna NicPhàil / Learn more about Anna NicPhàil

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.