Am Pocar

Òran air a sgrìobhadh le: murchadh macCoinnich agus air a sheinn le: Murchadh Iain MacCoinnich.

This is a song written by: murchadh macCoinnich and sung by: Murchadh Iain MacCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mòran Ghàidheil an Glaschu
A tha aineolach air tòrr,
'N dùil gu faigh iad carthannas
Le Gall bhith aca pòst';
Mala chaol is faileas às,
'S an ìnean mach trom bròig -
Ach bidh 'm pòcar mun a' chlaigeann ac'
Cho cinnteach 's tha iad beò.

Nuair thèid iad chun a' mhinisteir
Bidh iadsan ann an ceòl;
Bidh trusgan sìos gu sàilean oirr',
'S thèid fàinne chur mum meòir;
Teannaidh i ri gàireachdainn
Is bheir i dhàsan pòg -
Ach bidh 'm pòcar mun a' chlaigeann air
Cho cinnteach 's tha e beò.

Nuair thèid a' bhanais ullachadh
'S a shuidheas iad mun bhòrd,
Bidh flùraichean sa bhroilleach aic'
Is cigarette na dòrn;
An t-uisge-beath' sna glainneachan,
'S bidh cabhaig oirr' ga òl,
'S bidh 'm pòcar mun a' chlaigeann air
Cho cinnteach 's tha e beò.

A dhuine, 's tu bhios amaideach
Mun seachain thu an seòrs'
A chì thu anns na clobhsaichean
Le fish and chips nan dòrn,
Ìnean mar an iolaire oirre
Is cromadh sìos na sròin,
Oir bidh 'm pòcar mun a' chlaigeann ort
Cho cinnteach 's tha thu beò.

A' chailleach bheag a th' agamsa,
Ged nach eil i 'g òl
Tha 'n teang' aice cho ealanta
Ri beairt a' fighe clò;
Èighidh i cho greannach rium,
"Ist, na can an còrr,
no bidh 'm pòcar mun a' chlaigeann ort
cho cinnteach 's tha thu beò."

Seinneadairean / Performers

Murchadh Iain MacCoinnich

Murchadh Iain MacCoinnich

Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios, 1943. B' e Murchadh a bh' air ...

Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnich

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.