Am Fasan Ùr

Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall macÌomhair (Àird Dhail) agus air a sheinn le: dolaidh greumach (Dolaidh Shuathain).

This is a song written by: dòmhnall macÌomhair (Àird Dhail) and sung by: dolaidh greumach (Dolaidh Shuathain).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'S e am fuachd agus gaillean a thàinig mu thuath
Tha an sgiorta bheag cruaidh, chan eil blàths innt',
'S e am fuachd agus gaillean a thàinig mu thuath
'S e Dallas a thug fuachd nur cnàmhan.

J.D. nan chabhaig a' cumail thuc' dhachaigh
O, stocainnean geal agus lòrnes,
Cha bhi iad orr' fada gun tilg iad an cnap orr'
Is chì thu a-mach trompa 'n òrdag.

An stocainn cha mhair i cha sheas i ach seachdain
Gun tilg i an dath is gun toll i,
'S ma sheallas tu math rithe gum faiceadh tu 'n craiceann
Is breacan an teine na ghrunnda.

Ge b' ann air an spaid i ri gabhail mun talamh
Bidh cluas ri claisneachd 's ri tionndadh,
Mus cluinn i feadag a' phost aig an doras
Le leabhar bho Robinson Browne.

Gun nì air tachairt bidh sunnd oirre dhachaigh
A shealltainn ri fasan na Frainge,
'S dùil aic' gun cùm i sin ann an cleachdadh
Le cutadh an sgadain as t-samhradh.

Ge b' ann dol don t-searmon chan aithnich mi h-aon
Bidh fasan as ùr an còmhnaidh
An tè nach bi h-ad 's i druideadh ma sùil
Bidh fur oirre dùnadh a sròine.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.