Allt an t-Siùcar

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus air a sheinn le: anna nicLeòid, ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, Seònaid NicDhòmhnaill agus shuna seathach.

This is a song written by: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair and sung by: anna nicLeòid, ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, Seònaid NicDhòmhnaill and shuna seathach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Na bric a' gearradh shùrdag
Ri plubraich dhlùth le chèile,
Taobh leumraich mear le lùthchleas,
A bùrn le mùirn ri grèin;
Ri ceapadh chuileag shiùbhlach
Lem bristeadh lùthmhor fèin,
Druim lann-ghorm 's ball-bhreac giùran
'S an lainnir chùil mar lèig.

Mil dheòghladh sheillean srianach
Le crònan 's fìata srann
Nan dìthein baglach, riabhach,
Mud bhlàthan grianach chrann,
Stràibh-dhriùchdain dhonna, thiachdaidh,
Fo shinean cìochan d' fheòir
Gun theachd-an-tìr no bhiadh ac'
Ach fàileadh ciatach ròs.

Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan,
Meall-chùirneanach 's binn fuaim
Bras-shruthain Allt an t-Siùcair,
Ri torman siùbhlach luath;
Gach biolair 's luibh len ùr-ròs
A' cinntinn dlùth mu bhruaich,
'S e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor,
Gan sùgh bheathachadh mun cuairt.

Bùrn tana, glan, gun ruadhan,
Gun deathach, ruaim, no ceò
Bheir anam fàis is gluasad
Da chluanagan mu bhòrd;
Gaoir bheachain bhuidhe 's ruadha
Ri diogladh chluaran òir
'S cìr-mheala ga cur suas leo
An cèir-chuachagan nan stòir.

Gur sòlas an ceòl cluaise
Àrd-bhàirich buair mud chrò,
Laoigh cheann-fhionn, bhreac' is ruadha
Ri freagradh nuallan bhò;
A' bhanarach le buaraich
'S am buachaill' dol na còir
Gu bleoghan a' chruidh ghuaillfhionn
Air cuaich a thogas cròic.

'S grinn an obair ghràbhail
Rinn Nàdar air do bhruaich,
Led lurachain chreamhach, fàsmhor,
'S am buicein bàn or' shuas;
Gach saimeir, neòinean 's màsag
Mìn-bhreac air làr do chluain;
Mar reultan reòtht' an deàrrsadh,
Na spangan àlainn nuadh.

An coire 's fheàrr san dùthaich,
An coire 's sùghmhoir' fonn,
'S e coirean Allt an t-Siucair,
An coirean rùnach, lom;
'S ge lom, gur molach, ùrail,
Bog, miadail 's dlùth a thom,
'M bheil mil is bainne brùcadh
'S uisg' ruith air siùcar pronn.

Seinneadairean / Performers

Seònaid NicDhòmhnaill

Seònaid NicDhòmhnaill

Rugadh Sèonaid NicDhòmhnaill ann an Tobar Mhoire air 13 Màrt, 1946. 'S ann à Àird na Murchan a bha cuideachd a màthair, Sybil NicEanraig, agus ...

Fiosrachadh air Seònaid NicDhòmhnaill / Learn more about Seònaid NicDhòmhnaill

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.