Alasdair an Dùin

Òran air a sgrìobhadh le: aonghas macDhonnchaidh agus air a sheinn le: ceòl na creige.

This is a song written by: aonghas macDhonnchaidh and sung by: ceòl na creige.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Alasdair an Dùin, hiùraibh o hi,
Hiùraibh o hinda, hiùraibh o hinda,
Alasdair an Dùin, hiùraibh o hi
O 's mi bean brìodal bainnse.

Thig a luaidh-sa, thig thar sàil,
Thig san eadradh, thig gun dàil,
Thig Di-luain no thig Di-màirt,
Till, a ghràidh, ro Bhealltainn.

Còrdadh nì sinn mar bu nòs
Grèim nan làmh fo uisge 'n eòrn',
Caidreabh àrmann, àgh nan corn,
Fìon is ceòl is branndaidh.

Aran-sgailcidh bhrist mu m' cheann,
Manadh mnatha, taigh is clann.
Dannsaidh mi "An Adharc Chrom"
Mu 'n goidear bean na bainnse.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.