Alasdair à Gleann Garadh

Òran air a sgrìobhadh le: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) agus air a sheinn le: Carol Nic a' Bhreatannaich agus Kathleen NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) and sung by: Carol Nic a' Bhreatannaich and Kathleen NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh;
'S beag iongnadh mi bhith fo chreuchdaibh,
'S gur tric gan reubadh as ùr iad;
'S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
'S meud an dosgaidh th' air mo chàirdibh;
Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
Rogha nan darag as àirde.

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair;
Ciod e 'n stà dhuinn bhith gan gearan?
Dh'fhan Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn;
Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
Bha cumail dìon air ar càirdean,
Capall-coille bhàrr na giùthsaich,
Seobhag sùil-ghorm, lùthmhor, làidir.

Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
Anns gach gnothach am biodh cùram,
Aghaidh shoilleir, sholta, thlachdmhor,
Cridhe fial, farsaing mun chùinneadh;
Bu tu roghainn nan sàr-ghaisgeach
Ar guala thaice 's tu b'fhiùghail;
Leòmhann smiorail, fearail, feumail,
Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.

Nam b' ionann duit-sa 's do Dhòmhnall
An uair a chuir e 'n long air muir
Cha tigeadh tu dhachaigh gu bràth
Gun fhios dè 'm fàth as 'n do chuir;
Nuair a chunnacas air an tràigh sibh
A bhith gar fàgail air faondradh,
Thuit ar cridheachan fo mhulad,
'S lèir a bhuil - cha robh sibh saogh'lach.

Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
'S bu tu sgoltadh iad gun sàiltibh,
Bu tu curaidh cur a' chatha,
Bu tu 'n laoch gun athadh làimhe,
Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg,
Fìreun air an eunlaith 's àirde,
Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathan na cràice.

Bu tu 'n loch nach fhaoidte thaomadh,
Bu tu tobair faoilidh na slàinte,
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaoidte theàrnadh;
Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na sràide,
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach luachmhor an fhàinne.

Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
Bu tu 'n darach daingeann làidir,
Bu tu 'n cuileann, 's bu tu 'n droigheann,
Bu tu 'n t-abhall molach blàthmhor;
Cha robh do dhàimh ris a' chritheann
Cha robh do dhligheadh ris an fheàrna;
Cha robh do bheag annad den leamhan;
Bu tu leannan nam ban àlainn.

Bu tu cèile na mnà prìseil,
'S oil leam fhèin d' a dìth an dràsd' thu;
Ged nach ionann dòmhsa 's dhi-se,
'S goirt a fhuair mise mo chàradh;
H-uile bean a bhios gun chèile
Guidheadh i Mac Dè na àite,
O 's E 's urra bhi ga còmhnadh
Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.

Guidheam t-anam a bhith sàbhailt'
On a chàradh anns an ùir thu;
Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
Ann ad àros 's ann ad dhùthaich:
Gum faic mi do mhac ad àite
Ann an saibhreas 's ann an cùram
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilean.

Cuspair an Òrain - Alasdair Dubh Ghlinne Garadh

Bha Alasdair Dubh na cheann-cinnidh air Dòmhnallaich Ghlinne Garadh eadar 1705 agus 1721. 'S e a bha aig ceann feachd nan Dòmhnallach a' sabaid còmhla ri Greumach Claverhouse aig Blàr Coille Chnagaidh ann an 1689.

Bha e ainmeil airson a ghaisgeachd a' sabaid air taobh nan Seumasach aig Blàr Sliabh an t-Siorram ann an ar-a-mach 1715.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha Bàrdachd Shìlis na Ceapaich, deasaichte le Colm O Baoill, air fhoillseachaidh le The Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1972.

Seinneadairean / Performers

Carol Nic a' Bhreatannaich

Carol Nic a' Bhreatannaich

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...

Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.