Àirigh a' Chùl-chinn

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLeòid agus air a sheinn le: Coinneach Ros, Còisir a' Loch a Tuath, còisir àrd-sgoil phort rìgh agus iain m. mac an taillear.

This is a song written by: Iain MacLeòid and sung by: Coinneach Ros, Còisir a' Loch a Tuath, còisir àrd-sgoil phort rìgh and iain m. mac an taillear.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O mar a bha nuair a bha sinn òg,
A' mireag air an àirigh le mànran is ceòl.

'N àm èirigh na grèine cur fàilt' air a' bheinn
Bu bhòidheach an àirigh am bràighe Chùl-chinn;
Na h-uiseagan 's na smeòraich cho ceòlmhor a' seinn,
'S na flùran a b' àlainn lem fàile ga inns'.

Bha solas air an àirigh, cha b' ann bhon a' ghrian,
Bha ceòl ann an uair sin nach cuala mi riamh,
Bha sòlas anns a' ghràdh agus dàn anns gach fiamh,
Is ùr-dhealt na h-òige cur fonn air an t-sliabh.

Nach fhaca tu na caistealan 's ann asta dhèanainn uaill,
'S e bothanan na h-àirigh làn bainne blàth nam buail',
Na miosraichean 's na copanan 's na cumanan 's na cuaich,
'S na caileagan ag itealaich mar dhealain-dè mun cuairt.

Sibhse tha cho fiosrach am Pàrlamaid na tìr',
Thoiribh dhuinn na h-àirighean, na mullaichean 's na frìth;
'S thèid mi fhìn an urras dhuibh mar dhuine 's fhaide chì;
Gun dannsadh sinn 's gun seinneadh sinn, "Gu ma fada beò an rìgh!"

Seinneadairean / Performers

Coinneach Ros

Coinneach Ros

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhràighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn ...

Fiosrachadh air Coinneach Ros / Learn more about Coinneach Ros

Còisir a' Loch a Tuath

Chaidh Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 ...

Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a Tuath

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.