Air Sgiathan na h-Oidhche

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan agus air a sheinn le: Calum Ros.

This is a song written by: Murchadh Moireasdan and sung by: Calum Ros.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air sgiathan na h-oidhche thig coibhneas is blàths
Toirt fois agus sìth do gach inntinn aig tàmh,
Bidh m' inntinn-s' an uair sin a' gluasad gun dàil
Gu dùthaich mo ghaoil far nach fhaod mi bhith tàmh.

'S ann ri sgiathan na h-oidhche làn foill is gun dòigh
A' dùsgadh mo smuaintean gu bruaicheannan m' òig',
Gach sruthan is fuaran is fuaim dhomh tighinn beò
Gur tric bhios mi saoiltinn iad sgaoilte bho m' chòir.

Air sgiathan na h-oidhche gu luiginn bhith triall
A-null thar nam beanntan 's thar gleanntan mo mhiann,
Gu bhith faicinn an àilleachd rinn an Àrd-rìgh le rian,
Chuir an dùthaich nan Gàidheal nuair thàmhas a' ghrian.

Nuair thig sgiathan na h-oidhche le coinnlearan làn
A' ghealach 's na speur air gach reul a' cur fàilt',
Bidh dùthaich mo ghaoil-sa mar phrionnsa gun nàir',
A' cadal gun chùram gu dùsgadh an là.

Seinneadairean / Performers

Calum Ros

Calum Ros

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive, ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...

Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum Ros

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.