Air Sgiathan M' Inntinn (Loch Croistean)

Òran air a sgrìobhadh le: Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd) agus air a sheinn le: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

This is a song written by: Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd) and sung by: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air sgiathan m' inntinn siùbhlaibh mi
Do ghleann tha àillidh ciùin
Is tillidh trian de m' òige rium
Is triallaidh trian de m'aois
An dìomhair smuain thèid mi air chuairt
Le aoibhneas cuimhne blàth
Do ghleann a dh'fhàg a dhealbh nam chridh'
Loch Croistean anns na Bàigh.

Tha ìocshlaintean san t-sàmhchair ann
Is slàinte riut a ghlinn
Tha tàladh sìor is bàrdachd
Ann am piurbraich bhreac nan uillt
'S nuair thilleas màis is gìormhorachd
A shamhraidh cheòlmhor eun
Bidh coilich fraoich ri dùrdail
Is ri tùchain air gach sliabh.

Ged 's suas ri fichead bliadhna nis
Bho thriall mi dian na dhàil
Tha tharraing shuilbhir thiamhaidh
A' ruith m' iarrtasan a-ghnàth
Ach ged is maiseach buadhmhor e
Le bheanntan uallach àrd
'S e muinntir sheirceil uasal
Tha toirt gluasad orm gu dàn.

Cha dèan mo chomas bàrdachd-sa
Am feartan chur an cainnt
'S na subhailcean bha fàs riutha
Gu nàdarrach nan glinn
Làmh-fhosgailte 's an gàirdeachas
An càirdeas is an dàimh
'N toil-inntinn choibhneil bhlàth-chridheach
A' fàilteachadh nan aoigh.

Gur tric min diugh a' cuimhneachadh
Nan suinn bha leam ann uair
An duinealas 's an aoighealachd
An àbhachdas gun fhuath
An t-Ìleach seòlta àmhailteach
'S Macnèill na h-euchd cur ruaig
Air a lìon shìos an Gràsathaig
'S air Pàdraig a' Ghlinne Ruaidh.

Gur tric mi leis a' Choisich
Chun nan creagan bheirinn sgrìob
Cho sèimh na chainnt 's na dhòighean rium
Ri teachdaireachd na sìth
'S a' tilleadh gu a dhachaigh leinn
An t-iasgach lom no làn
Bhiodh làmh-gun-dearmad Màiri
Ga ar fàilteachadh le gràdh.

'S tha Aonghas còir air triall uainn –
An nàbaidh bha dhomh dlùth
Fear èasgaidh sgileil dèanadachd
Na ghnìomharan 's na chliù
'S ma thadhaileas mise chaoidh rim bheò
Blàth-aitreabh air an raon
Bidh tathasgan a shòlasan
Tighinn beò dhomh air gach taobh.

Is ged tha cuid dem nàbannan
Gun àit' an seo nam dhuan
Tha m' chonaltradh 's an geur-chainnt
Ri 'g èirigh tric nam smuain
Is fhad 's a mhaireas làithean rium
Is cuimhn' an àit' tighinn beò
Bidh 'n càirdeas caomh ri deàlradh dhomh
Mar reul nan àrd nan glòir.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.