Air Fail il o Iriag

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Camshron agus air a sheinn le: Còisir a' Loch a Tuath agus còisir og chille bhrìghde an ear.

This is a song written by: Iain Camshron and sung by: Còisir a' Loch a Tuath and còisir og chille bhrìghde an ear.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Air fàil il o ìriag hiùraibh o hìlibheag,
Fàil il o ìriag ò,
Air fàil il o ìriag hiùraibh o hìlibheag,
'S binn leam coireal nan eòin.

'S mi 'm shuidhe air m' uilinn air toman a' chuilinn
'S mi 'g èisteachd ri luinneag nan eòin
'S mi 'g èisteachd nan druidean, nan smeòrach 's nan uiseag,
'S gur binne na fidheall an ceòl.

Chì mi na stacan, na cnocan 's na bacan,
'S na glacan sna chleachd mi bhith òg
Chì mi na leadain far am biodh na minn bheaga
'S na h-uain 's iad ri cleasachd gun ghò.

Chì mi na pàirceannan, chì mi na fàrdaichean,
Chì mi gach àilean is geòb,
Chì mi an tulach far 'm bithinn lem chruinneig
'S far 'm faighinn le furan a pòg.

Seinneadairean / Performers

Còisir a' Loch a Tuath

Chaidh Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 ...

Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a Tuath

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.