Ailein, Ailein 's Fhad' an Cadal

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus air a sheinn le: Maighread Stiùbhart.

This is a song written by: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair and sung by: Maighread Stiùbhart.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hug ò ro ì, hug òireannan
Hug ò ro ì, 's na hì ri ù o,
Hithill ù hug òireannan.

Ailein, Ailein, 's fhad an cadal,
Tha 'n uiseag a' gairm 's an là a' glasadh;
Ghrian ag èirigh air na leacain –
'S fhada bhuam fhèin luchd nam breacan.

Ailein duinn, gabh sgoinn 's bi 'g èirigh
Tional do chlann, cuimhnich d' fheum orr';
Bidh Alba mhòr fo bhinn bhèistean
Mur a dìon a muinntir fhèin i.

Bheir iad Mòrag mhìn air èiginn
'S eagal leam gun dèan i gèilleadh
'S gum bi sliochd gun an còir fhèin ac'
De Bhreatainn mòr, no de dh'Èirinn.

Mhòrag, nam faicinn d' fhear-ceusaidh,
Ge b' ann air cabhsair Dhùn Èideann,
Thairginn na lainn chaola, gheura,
'S dh'fhàgainn fhèin e marbh gun èirigh.

Thàinig am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air tìr an Èirisgeigh air 23 Iuchar, 1745.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems air a dheasachadh le Ruaraidh MacThòmais, air fhoillseachadh le Scottish Academic, Press 1996

Mac Mhaighstir Alasdair, The Ardnamurchan Years le Raghnall Mac Ille Dhuibh, air fhoillseachadh le The Society of West Highland and Island Historical Research, 1986

Seinneadairean / Performers

Maighread Stiùbhart

Maighread Stiùbhart

Rugadh Maighread Stiùbhart air 12 Ògmhios, 1956, agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas. Bha seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre nuair a bha ...

Fiosrachadh air Maighread Stiùbhart / Learn more about Maighread Stiùbhart

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.