A' Tilleadh gu mo Thìr

Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).

This is a song written by: Cairistìona NicDhòmhnaill and sung by: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Am faca tusa riamh cailleach bheag le cliabh,
No balach 's e ri tilleadh às a' bhùth?
Latha fliuch no fuar, ged a bhiodh i reòthte cruaidh,
Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn' Ùir.

Am faca tusa riamh cailleach bheag a' snìomh,
No balach 'g ith buntàta leis an rùsg?
Ma bhios mise buan, fàgaidh mi baile Chluaidh,
Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn' Ùir.

Am faca tusa riamh cailleach bheag mas fhìor
Cur balach crosta tarsainn air a glùin?
Tillidh mi le uaill gu m' eilean anns a' chuan,
Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn' Ùir.

Am faca tusa riamh bodach beag le lìon
A' rèiteach nan dubhan air an sgùrr?
Fàgaidh mi baile na guail airson tìr nan cruach,
Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn' Ùir.

Am faca tusa riamh bodach le cheann liath
A' toirt facal às an Leabhar an ceann a' bhùird?
Mo bheannachd aig an t-sluaigh 's tric orra mo smuain,
Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn' Ùir.

Am faca tusa riamh bodach le pìob chrèadh,
No cailleach a' dèanamh mharag-choirc is flùr?
Bidh mi fhìn 's mo dhuain a' togail oirnn gu tuath,
Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn' Ùir.

Seinneadairean / Performers

Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Thogadh Donaidh Large Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhàthair Cairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh) na tidsear. ...

Fiosrachadh air Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) / Learn more about Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.