A Thighearna Dhia

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Màrtainn.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum Màrtainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A Thighearna Dhia, nuair sheallas mi le uabhas,
A' meòrach air na chruthaich Thu led ghaol
Chì mi na reultan anns an iarmailt dhorcha,
Do chumhachd foillsichte don chinne-daonnd'.

Sèist / Chorus

Nì m' anam seinn, a Thighearna Dhia, le glòir,
Nach mòr an gràdh a th' agad oirnn.
Nì m' anam seinn, a Thighearna Dhia, le glòir,
Nach mòr an gràdh a th' agad oirnn.

Nuair smaoinicheas mi gun do chuir Thu, Thighearna,
Do Mhac gu bàs led bhinn air a' Chrois,
Gun d' ghiùlain e ar peacannan gu lèir dhuinn –
Cha ghabh e inns' na dh'fhuiling e air ar son.

Nuair thig Thu, Chrìosd, aig Latha Luain gam iarraidh
Dom dhachaigh bhuain, nach sòlasach mo chrìdh'
Nuair nì mi adhradh, ùmhlachd air mo ghlùinean,
'S a chì mo shùil Thu, Thighearna Dhia nan Dùl.

Eadar-theangaiche (dhan Ghàidhlig): Mairead NicNèill

Eadar-theangaiche (dhan Bheurla): K. Hine

Seinneadairean / Performers

Calum Màrtainn

Calum Màrtainn

Rugadh Calum Màrtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Màrtainn à Siadar Bharabhais. ...

Fiosrachadh air Calum Màrtainn / Learn more about Calum Màrtainn

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.