A Pheigi a Ghràidh

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) agus air a sheinn le: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil, Iain Dòmhnallach (Tonkan), iain macLeòid (Iain a' Ghèidsear) agus Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn).

This is a song written by: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) and sung by: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil, Iain Dòmhnallach (Tonkan), iain macLeòid (Iain a' Ghèidsear) and Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn).

Facail an Òrain / Song Lyrics

A Pheigi, a ghràidh, 's tu dh'fhàg mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-dràst' thar sàil dh'Astràilia null;
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.

Bhon dhealaich thu rium neo-shunndach m' aigne gach latha,
'S mi seòladh a' chuain, 's gach uair gam sgaradh od ghràdh,
Ma thug thu dhomh fuath, 's nach dual dhomh d' fhaighinn gu bràth,
Gum faic thu led shùil, a rùin, nach bi mi fad slàn.

Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall,
Far do dh'fhàg mi mo rùn fo thùrs am baile nan Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.

Nuair gheibh mi ort còir ri 'r beò cha bhi oirnn dìth,
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh, a luaidh, nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bàrr, a ghràidh, ged 's maraiche mi.

Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach àite is ceàrnan, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda thigeadh riut suas,
A bhean a' chùil bhàin, chaidh àrach an Uibhist nam buadh.

An Uibhist nam buadh gur truagh nach robh mi leat thall
Is fàinne den òr mud mheòir gar ceangal le bann,
'S ma thilleas mi, luaidh, thar chuain an turas seo nall
Dh'Àird Choinnich thèid sinn le cinnt gar ceangal gu teann.

Gun sguir mi den dàn mu fàs sibh uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-dràst' cho fada bho thìr,
Ach an rud tha mi 'g ràdh, gu bràth gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' Chàrnain dh'àraicheadh cailin mo chridh'.

Seinneadairean / Performers

Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

'S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac Ille Mhaoil. An dèidh dha am Bonn Òr airson seinn san ...

Fiosrachadh air Gillebrìde Mac Ille Mhaoil / Learn more about Gillebrìde Mac Ille Mhaoil
Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Tonkan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn)

Canar Seumas Ailig Eòghainn ri Seumas Caimbeul às an Ìochdair an Uibhist a Deas. Rugadh e san t-Samhain 1973 agus thogadh e le sheanair, Ailig ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn) / Learn more about Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn)

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.