Facail an Òrain / Song Lyrics

A nìghneag a ghràidh, 's tu dh'fhàg an dochair nam cheann
Air feasgar Diciadain nam shuidhe 's mi riasladh ri rann;
Gum b' fheàrr a bhith sìnte gu socair 's gu sìobhalt' sa ghleann
A' cadal le chèile fo dhuilleach nan geugan ud thall.

'S ann dhut-sa, mo leannan, thug mise mo chridhe 's mo chiall,
Mo dhùsgadh, mo chadal, mo reult, mo ghealach 's mo ghrian;
'S tu m' oidhche, mo mhadainn, mo bhùrn, is m' anail 's mo bhiadh,
'N àm èirigh is laighe 's tu fhèin an aingeal gam dhìon.

Nan robh mise 's mo leannan air slèibhtean farsaing an fhraoich,
Gun uallach mu èirigh ach laighe gu sèimh ann an gaol,
Toinnte le chèil' ann an sonas gun leireadh ri taobh,
'S an oidhche le cleòca gu buileach a' còmhdach an raoin.

Ann an achlais mo leannain gun caidlinn fada gun strì,
Fo dhubhar nam beannan far 'm b' òg a b' amaideach mi,
Gun sòlas air thalamh lem dheòin a dh'aithnicheadh mi
Ach gaol na h-òg chailin a bheothaich an t-sradag am chridh'.

Gun uallach air feasgar bu mhiann leam bhith leisg ri do thaobh,
Casruisgt sa mhòintich a' sireadh nan neòinean san fhraoch,
No 'g èisteachd nan sruthan a' sileadh gu socair 's gu caoin
Sìos chun na mara ag innse sanais ar gaoil.

An saoghal ged 's farsaing gum b' fheàrr a bhith tathaich sa ghleann,
Ri taobh na h-òg chailin air thalamh is maisiche leam;
Bidh rìomhachd, a h-àilleachd 's a grinneas gu bràth na mo cheann,
'S ann an lùchairt mo chridhe bidh àite, mo nighean, dhut ann.

Thig fois air an talamh, thig tosd air anail a' chuain,
Air tonnan a' chladaich thig tàmh is cadal car uair;
Eòin bheaga na doire nì fasgadh sona fon bhruaich,
Ach mo ghaol-sa dom leannan rim bheò chan aithnich e suain.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach
An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Iain Murchadh Moireasdan

Iain Murchadh Moireasdan

Rugadh Iain Murchadh Moireasdan, John Murdo Dhànaidh Mhurchaidh a' Chlachair air an Tairbeart, anns na Hearadh, ann an ...

Fiosrachadh air Iain Murchadh Moireasdan / Learn more about Iain Murchadh Moireasdan
Calum Ros

Calum Ros

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...

Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum Ros

Calum MacArtair

Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Màrt 1940. B' e càraid a bh' ann fhèin is a bhràthair Coinneach. Bha an athair bhon ...

Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.