A Mhoire Mhìn-gheal

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A Mhoire Mhìn-gheal, a mhèinn nan gràsan,
Do dh'aona Mhac Dhè bu tu fhèin a mhàthair:
Stiùir mo cheum-sa tro rè mo làithean
Air sligh' an dòchais gu sòlas Phàrrais.

Dìon gach là mi bho chràdh is leònadh;
Lìon gu làn mi le gràs do thròcair;
Ciùinich m' àrdan gu sàmhchair òigheach
Air sgàth a' phàistein a dh'fhàs bhod fheòil-sa.

Òigh ro-chliùiteach, bi rium-sa bàidheil,
Paisg is cùm mi fo lùb do ghàirdein;
Las led shoillse gach duibhre ghràineil,
Tha dubhadh m' eòlais air òr do ghràsan.

Tog do naoidhean mar lainntear iùil dhomh,
Los tron oidhche nach caill mi 'n cùrsa;
Bi toirt làmh dhomh an càs an stiùiridh
Gu port mo dhòchais, mo chòir 's mo dhùthchais.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.