A' Mhisg

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) agus air a sheinn le: Cairistìona Sheadha.

This is a song written by: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) and sung by: Cairistìona Sheadha.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Na measaibh mo dhàn dhuibh, a chàirdean mo ghaoil
A-mhàin na sgath-bhàrdachd, tha gràdh ann d' ur taobh;
Is e cuspair mo chàinidh a' phlàigh sin nach caomh
A' mhisg thug sgrios-aoig air mòr-shluagh.

Sèist / Chorus

A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
Mun sgrios e gun bròn fa-dheòidh sibh?

An olc leibh mi chàineadh bhur nàmhaid ro gheur,
Thug masl' air mòr àireamh 's a dh'fhàg iad an èis,
De dh'anmaibh neo-bhàsmhor rinn tràillean fo stèill,
Gu ifrinn na pèin gan seòladh.

Bhi pòit air deoch làidir 's nì gràineil gu dearbh,
Is droch innleachd a ghnàth e rinn Sàtan a dhealbh;
Tha mallachd an tàth ris bheir bàs agus searg
Air cuirp is air anmaibh còmhladh.

Tha sean-fhacal gnàthaicht ag ràdhtainn on tùs
Gun rùisgear am bràighe gu sàth thoirt don bhrù;
Ach a' mhisg cha toir àrach do chàil ach don ghruid
'S do mhiannaibh tha brùideil feòlmhor.

Is iomadh teaghlach a dh'fhag i 'n cruaidh-chàs 's am mì-rian
Is mnathan gan cràdh an ceann phàistean gun chiall,
Ag glaodhaich 's a' rànaich gu h-àrd 's iad gun bhiadh
Gun aodach gu 'm bian a chòmhdach.

Mhill a' mhisg ort do bhiùthas 's do chliù chuir mu làr;
Dh'fhàg i creacht' agus spùillt' thu gun iunntas gun tàin,
Mheall i riamh thu le sùgradh, gun d' lùb thu da càil,
Is dh'fhàg i don ghràisg nad spòrs thu.

Is i mhill ort do reusan 's troimh'-chèil' chuir na d' cheann,
Mar bhrùid air bheag cèille 's le dèistinneachd cainnt;
Bidh riasladh air Beurla 's "De'il take ye" 's "God damn"
Bidh tric air gach ceann de d' chòmhradh.

An trioblaid gu luath thèid air ghluasad san rùm
Thèid pògan gu tuasaid; paisg suas a' phiob-chiùil
Bithidh gairm air an uamhas, bithidh spuaic fo gach sùil
Gam bualadh le lùths nan dòrnaibh.

Dh'fhàg i gràineil na d' luids thu ga d' luidreadh sa pholl,
Do chorp le shàr chudthrom a' tuiteam gu trom,
Gun taobh bheir thu ruiseadh nach tuislich do bhonn,
Is làrach do dhròm' 's gach lònan.

An uair thig ort an tlìgheachd le dìobhairt 's le spàirn,
Bhi air d' fhasgadh cha mhillseachd do thì ach cuis-ghràin,
Na d' thuainealach dìblidh na d 'shìneadh air làr,
Is neo-chùbhraidh le càch do bhòrlann.

Dh'fhàg i èitidh mì-sgiamhach do nial mar an t-eug,
Mhill i d' àilleachd is d' iomhaigh 's do chiall gu mì-bheus,
Na d' sgeith ga do smiaradh 's glas-ghiall air do dheud,
Gun smid às do bheul ach ròmhan.

Ged dh' fhaothaich thu falamh do stamag dheth luchd,
Fas-dhìobhairt riut leanaidh bheir sparraibh na d' uchd;
Is nì neònach, mun dealaich do bhàch-thinneas riut,
Na d' sgairt mur bi gurt le tòbairt.

An uair theirgeas dhut airgiod 's a dh' fhalmh'chear do phùids',
San òst às an d' fhalbh thu 's beag earbs' a gheibh thu,
Thèid spèis dhut air dearmad 's ma ghairmeas tu drùdh,
Bi dearbht' à taobh cùil na còmhla.

Is e siud a dh'fhàg àireamh cho bàrlagach lom,
Cho eòlach mun t-snàthaid gu tàthadh nan clobhd;
Air dath cha bhi tàire ma chàireas e toll,
Geal, dubh, glas, no donn, mas clò e.

Their thu rium nach fear-pòit thu chionn stòp nach do phàidh,
'S nach robh thu 'n tigh-òst' bho chionn còrr agus ràidh,
Ach 's fiosrach e dhòmhsa gun òl thu mar ràic,
An uair gheibh thu deoch-sglàib air tòrradh.

Tha peanas na misge gu tric na sgiort fèin -
Croit 's asnaichean briste, màm-sice 's cnead clèibh,
Cinn 's cruachannan liodraicht is ioscaidean lèirt',
Rinn criplich gun fheum de mhòran.

Gheibh fear a' cheud dòrn air an t-sròin 's nì i leum;
Fear 's leòb ris dheth fheòsaig is tòcadh na dhrèin;
Bidh peirceall fir leòinte 's car stòrach na dheud,
Is fhallaing gu lèir na sroicean.

Fear 's a cheann air a ghearradh 's a mhal' air a ghruaidh;
Fear eile fon chamart gu h-anshocrach truagh,
Mar stamp iad air amhaich 's a charraid ro chruaidh
San d' thuit e na luairean fòdhpa.

Is iomadh laoch a bha làidir gu bàs chuir i 'n-null,
A bha eòlach air snàmh, rinn i bhàthadh sa ghrunnd,
A chaidil fo tàladh 's gu bràth nach do dhùisg,
Gun d' fhosgail e shùil an dòrainn.

Ge milis an cupan na ghrunnd tha droch dhruaip
Tha miodal mì-rùnach gu dùr dhuit làn fuath,
Mur dian i do dhùineadh an teas dumhail gun truas
Gun bhraon do dh' uisg fuar do throcair.

Is iomadh aon chuir i 'n sàs an glas-làmhan gu teann,
Am prìosan a spàrr i 's nach d'fhàg i fad' ann,
Ach a chroch i gu h-àrd le bàs nàrach air crann,
Le lùbach dheth 'n bhall ma sgòrnan.

Bheir i masladh is nàir' ort as tàireile dìol
Na bhi na d' cheòl-gàire don ghràisg fad do thriall;
Mur pill thu tro ghràs nì i 'm bàs chur na d' chliabh,
Air d' anam bheir pian gun dòchas.

Seinneadairean / Performers

Cairistìona Sheadha

B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus ...

Fiosrachadh air Cairistìona Sheadha / Learn more about Cairistìona Sheadha

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.