A h-Uile h-Aon dhem Stocainnean/Na Trì Truinnsearan

Òran air a sgrìobhadh le: Seonaidh Caimbeul agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig thung.

This is a song written by: Seonaidh Caimbeul and sung by: còisir ghàidhlig thung.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

H-uile h-aon dhem stocainnean
A-nochd am feum an càradh.
H-uile h-aon dhem stocainnean
A-nochd am feum an càradh.

H-uile h-aon dhem stocainnean
Tha tuill orra 's iad fosgailte,
'S cha mhòr nach d' rachainn romhpa
Mar a socraicheadh mo nàdar,

An tè a dh'fhalbh an taobh aiste
Bha pìos a dhìth a' chùil aice
'S na h-òrdagan 's na lùdagan
'S gun lùb dhiubh ris na sàiltean.

Mo bheannachd aig na h-ìghneagan
A chàradh iad 's a dhèanadh iad,
'S a bheireadh pàirt do dh'iasgair dhiubh,
'S a chiall nach robh mi làmh ribh.

Cha robh trì truinnsearan air a' bhanais mhì-thoraich,
Cha robh trì truinnsearan, bìdeagan càil,
Cha robh trì truinnsearan air a' bhanais mhì-thoraich,
Cha robh siud ach beagan arain 's cha robh glainne slàn.

Suirighichean, suirighichean feadh a' bhaile timcheall oirnn,
Suirighichean, suirighichean a' tighinn air ar sgàth,
Suirighichean, suirighichean feadh a' bhaile timcheall oirnn,
Bidh iad a-mach ris a' ghealaich feuch am faigh iad fàth.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.