A Fhleasgaich Òig is Ceanalta

Òran air a sgrìobhadh le: ceit nicFhionghain agus air a sheinn le: anna s. nicDhòmhnaill, Magaidh NicAonghais agus mòrag mhoireach.

This is a song written by: ceit nicFhionghain and sung by: anna s. nicDhòmhnaill, Magaidh NicAonghais and mòrag mhoireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A fhleasgaich òig as ceanalta,
'S tu leannan nan deas ghruagach;
Do ghaol a rinn mo shàrachadh
'S tha bhlàth siud sin mo shnuadh-sa.

Shiubhlainn fada, fada leat,
Shiùbhlainn deas is tuath leat,
Is shnàmhainn an cuan Rònach leat
Rim bheò cha toirinn fuath dhut.

Gur binn thu na na filidhean
Gu sìobhalt' leam do ghluasad;
Cò chunnaic riamh air ùrlar thu
Nach dùraigeadh bhith suas riut?

Cha phòitear 's chan fhear daoraich thu
Bhios daonnan am measg buairidh;
Sàr chompanach mun bhotal thu
'S chan fhaicear sprochd no gruaim ort.

Chan Ìleach tha nam leannan-sa
Chan Aranach 's cha Tuathach,
Ach 's ann am Barraigh dh'àraicheadh
Fear òg an leadain dualaich.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha Magaidh NicAonghais a' seinn an òrain mar a dh'ionnsaich i e bho a màthair, an sàr sheinneadair Flòraidh NicNèill, a dh'ionnsaich an t-òran seo ann am Barraigh mus deach i fiù 's dhan sgoil.

A' sgrìobhadh anns an iris Gairm, Àireamh 26, An Geamhradh 1958, tha Donnchadh MacDhunlèibhe a' cumail a-mach gur ann à Muile a bha an tè a rinn an t-òran:

"Rinneadh an t-òran seo le Ceit NicFhionghain an Tobar Mhoire, mu thuaiream beagan barrachd is sè fichead bliadhna, do a leannan a bha aig an àm ag obair sa Mhorbhairne."

Tha cuid de cheathramhan eadar-dhealaichte aig MacDhunlèibhe:

Cha Ghall a tha nam leannan-sa
Chan Aranach 's cha Tuathach,
Ach 's ann am Muile dh'àraicheadh
MacPhàil an leadain dualaich.

Chan iongantach, chan iongantach
Mo chridhe-sa bhith luaineach
A' sealltainn sìos air Àros
An t-àit' an d' fhàg mo luaidh mi.

Shiùbhlainn fad o m' dhaoine leat
Air long 's a h-aodach suas rith'
Cha fad 's a chuireadh gaoth sinn
Gar saodachadh thar chuantan.

Shiubhlainn fada, fada leat,
Cho fad' 's an t-Eilean Uaine
Nan gealladh tu nuair thilleamaid
An t-snaoim a chur nach fuasgladh.

Sgrìobhainn litir dhùinte dhut
Ad ionnsaigh ann an uaigneas
Ch math 's a dhèanadh dùrachd i
Nan liùbhradh Dòmhnall Ruadh i.

Tha MacDhunlèibhe ag ràdh gur e Dòmhnall Ruadh, a tha air ainmeachadh san òran, bràthair Cheit, agus gu robh e ag aiseag a' phosta eadar Tobar Mhoire agus a' Mhorbhairne.

Anns an leabhar The MacDonald Collection of Gaelic Poetry, a chaidh fhoillseachadh ann an 1911 leis an dà mhinisteir Aonghas Dòmhnallach agus Gilleasbaig Dòmhnallach, tha an t-òran a-rithist eadar-dhealaichte:

Gur e mo ghaol-sa an t-Alastair
Nach ainneamh leam a luaidh leam
Dham bheil Bràigh a' Gharaidh dùthchasach
Ged thog e chùrsa bhuaidhe.

Dh'fhàgainn-sa mo dhaoine leat
Air long 's a h-aodach suas rith'
Cho fad 's gan seòl a' ghaoth sinn
Rachainn leat, a ghaoil, thar chuantan.

B' fheàrr leam as do lèine thu
Bhon thug mi fèin mo luaidh dhut
Na fear, cha ghabhainn ceud dhiubh,
Ged bhiodh a sprèidh air bhuailtean.

Cha phòiteir, 's chan fhear daoraich thu
Tha daonnan am measg buairidh;
Sàr chompanach mun bhotal thu
'S chan fhaicear sprochd no gruaim ort.

Gur tric a leag an Dòmhnallach
Deas òigfhear a' chùil dualaich
An damh fiadhaich stròineasach
Nach tig an còir na buaile.

Sgiobair air a' bhàt' thu
Ga teàrnadh o gach cruadal
'S tu bheir gu cala sàbhailt' i
Bh ghàirich nan tonn uaine.

Seinneadairean / Performers

Magaidh NicAonghais

Magaidh NicAonghais

Rugadh Magaidh NicAonghais an Glaschu ged a tha a dachaigh an-diugh ann an Siorrachd Àir. Tha i na seinneadair agus na neach-cluiche ...

Fiosrachadh air Magaidh NicAonghais / Learn more about Magaidh NicAonghais

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.