A' Chuairt Chuain

Òran air a sgrìobhadh le: iain mac ille mhoire agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.

This is a song written by: iain mac ille mhoire and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ged 's dàil cha dearmad a bhac mo sheanchas,
Mum thuras ainmeach san aimsir fhuar;
'S a' chulaidh dhealbhach don ainm Braidalba,
Le gaoith gun anagna dh'fhag balbh an cuan,
Gun d' dhùisg an soirbheas on àirde 'n Earra-dheas,
A ghreas air falbh i mar earb air luaths,
'S nuair dh'fhàisg i canabhas sna tuinn bha barra-gheal,
Bha spàirn gan teannachadh air cainb nan dual.

Nuair lìon na siùil aic', gach aon dhiubh 's brù air,
'S a croinn mar iùbhrain a' lùb san uair,
Bha coileach dubh-ghorm a' ruith on stiùir aic
Na channalag lùbaich ri dùrdan cruaidh;
'S e ceum bha siùbhlach a' leum gu sunndach,
Tron mhuir bha srùladh gu dlùth mun cuairt,
Gum b' fhìor chruit-chiùil a bhith 'g èisteachd bùirein,
A torman sùrdail bu bhrùchdach fuaim.

Gum b' ait an ceòl leinn fìor fhuaim a crònain,
Na ruith cur bhòrlum nan tòrr o gruaidh,
'S am muir is cròic air mu beul a' còpadh,
An làn 's gach seòl aic 's gach ròp ri fuaim;
Na tuinn a' bòcadh le gaoir a' dòrtadh,
Gu dlùth mu bhòrdaibh le ròiceadh cruaidh,
An sgiob ga seòladh le làmhan eòlach,
'S a' dèanamh sòlais ro-mhòr r'a luaths.

Seinneadairean / Performers

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.