A Chaluim Bhig

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil phort rìgh.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) and sung by: còisir àrd-sgoil phort rìgh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A Chaluim Bhig, a Chaluim Bhig, a Chaluim 's tu fo chùram,
'S e thigeadh dhut bhith d' earalas is d' aire thoirt air an iùbhraich:
B' e siud an turas carraideach nan cailleadh tu do chùrsa,
'S cha b' fhuilear don dubh lunndaich na siùil a bhith làn.

Nuair dh'èirich thu sa mhadainn anns a' chamhanaich bha fèath ann,
Dol seachad Port an Tobair bha thu togarrach ga feuchainn;
Bu chinnteach bha mise dheth gum biodh tu sna liadhan
Mu 'm fuaradh i an Liathanaich beulaibh Loch Làthaich.

Cha b' iongnadh i bhith caranta air bharraibh nan tonn uaine;
Bha fiodhaich math 's na saithean aic' is darach anns an ruadh-bhòrd;
Bha tàirnean air an sparradh ann, gan teannachadh le cruaidh-òrd,
Is rogha 'n iarainn Shuainich bho gualann gu sàil.

Nuair ràinig thu Bun Easain anns an fheasgar ghabh thu an daorach,
Cha b' e siud a b' aithreach leat ach gun rinn thu caonnag;
Chaidil thu do leòr anns a' chrò bh' aig NicMhùsaich,
'S e an snidhe dhol ad shùilean a dhùisg thu cho tràth.

Nuair ràinig thu Airdriseig bha na h-ìgheanan an tòir ort,
Chum iad ann ad chabhaig thu toirt caithream dhaibh air òrain;
Do ghillean 's iad air bhuidealaich an cuideachd Mhic an Tòisich
'S chaidh thu thar na còrach ag òl sa Chàrn Bhàn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.