A' Bhean Ud Thall

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: bannal bana-Bharrach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: bannal bana-Bharrach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Rò hol il ò rò hol il ò
A bhean ud thall, gu dè th' orr' aire?
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

A bhean ud thall, gu dè th' orr' aire?
Rò hol il ò rò hol il ò
Mòran bròin 's gun cheòl fa-near dhomh.
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

Mòran bròin 's gun cheòl fa-near dhomh.
Rò hol il ò rò hol il ò
'S gun luingeas air cuan na Hearadh
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

Gun luingeas air cuan na Hearadh
Rò hol il ò rò hol il ò
'S neònach sinne 's na fir fallain
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

'S neònach sinne 's na fir fallain
Rò hol il ò rò hol il ò
Càit a bheil Raghnall is Ailean?
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

Càit a bheil Raghnall is Ailean?
Rò hol il ò rò hol il ò
No idir Iain òg mo leannan
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

No idir Iain òg mo leannan
Rò hol il ò rò hol il ò
Stiùireamaiche b' fheàrr ri gaillinn
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

Stiùireamaiche b' fheàrr ri gaillinn
Rò hol il ò rò hol il ò
Bheireadh tu i slàn gu cala
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

Bheireadh tu i slàn gu cala
Rò hol il ò rò hol il ò
Fhad 's a mhaireadh beith no darach
Laoi lea ho ro trom orra cho far ail il o.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.