A Bhanarach Dhonn a' Chruidh

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus air a sheinn le: Alasdair Friseal, Fionnlagh MacNèill agus Mairead NicNèill.

This is a song written by: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair and sung by: Alasdair Friseal, Fionnlagh MacNèill and Mairead NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A' bhanarach dhonn a' chruidh,
Chaoin a' chruidh, dhonn a' chruidh,
Cailin deas donn a' chruidh,
Cuachag an fhàsaich.

A bhanarach mhìogach
'S e do ghaol thug fo chìs mi,
'S math thig làmhainnean sìoda
Orra mhìn-bhasan bàna.

'S mòr bu bhinne bhith 'd èisteachd
'N àm bhith bleoghan na sprèidhe
Na 'n smeòrach sa Chèitein
'M bàrr gèig ann am fàs-choill.

Nuair a sheinneadh tu coilleag
A' leigeil mairt ann an coillidh,
Thigeadh eunlaith gach doire
Dh'èisteachd coireal do mhànrain.

Ceòl farasda, fìor-bhinn,
Fonnmhor, faramach, dìonach
A sheinn an cailin donn, fìnealt
Bheireadh bìogadh air m' àirnean.

Ged a b' fhonnmhor an fhidheall,
'S a teudan an righeadh,
'S e bheireadh danns air gach cridhe
Ceòl nighean na h-àirigh.

Tha deirg' agus gile
A' gleac an gruaidhean na finne,
Beul mìn mar an t-sirist
D' am milis thig gàire.

Deud snasta na rìoghainn
Snaighte, cruinn mar na dìsnean,
Gur h-i an donna-gheal ghlan smìdeach
'S ro mhìog-shuileach fàite.

Chuireadh maill' air do lèirsinn
Ann am madainn driùchd Chèitein
Na gathan grèine
Thig o 'teud-chùl cas fàinneach.

'S ciatach nuallan na gruagaich
Ri bleoghan cruidh ghuailfhinn,
A' toirt torman air cuachaig
'S bodhar-fhuaim aig a clàraibh.

'S taitneach siubhal a cuailein
Ga chrathadh mu 'cluasaibh,
A' toirt muidh' air sèist-luachrach
An taigh-buaile 'n gleann fàsaich.

A muineil geal bòidheach
Mun iathadh an t-òmar
A dhath fhèin air gach seòrsa
Chìt' a' dòrtadh tre 'bràighe.

Dà mhaoth bhois bu ghrinne
Fon dà ghaoirdean bu ghile
Nuair shìnt' iad gu h-innealt
Gu sinean cruidh fhàsgadh.

Dà chalpa na mainmnich
Mar phileirean mairbhill
Cho gile ri cainichein
Chinneas fanna-gheal sna blàraibh.

Gum bu mhòdhar mo bheadrach
Teachd don bhuaile mu eadradh,
Sèimh, sult-chorpach, beitir,
'S buarach ghreasad an àil aic'.

Do chùl amlagach, teudach,
Buclach, feòirneineach, glèidhteach,
De chnothan na gèige,
Cheapadh glèidhtich' a làn diubh.

Bheireadh dùlan na grèine,
Deàrrsadh moch air òr-sheudan,
'S gum b' ait leam ra lèirsinn
Boillsgeadh èibhinn cùil Màiri.

Ghlac gheal a b' àrd gleodhar
A stealladh bainne 'n cuaich bhleoghain,
A' seinn nan luinneag bog, seoghach
A' togail cobhair ri Blàraich.

Nuair a thogadh tu 'bhuarach,
Cuach is curasan na buaile,
B' ao-coltach do ghluasad
Ri guanaig na sràide.

Gur cùbhraidh lean t-anail
Na caineal a' mhargaidh.
Cha bhanarach glinn' thu
Cha tig aireach gad shireadh,
Ach duin' uasal den fhineadh
Thèid don fhireach le 'phàirtidh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems air a dheasachadh le Ruaraidh MacThòmais, air fhoillseachadh le Scottish Academic Press, 1996.

Mac Mhaighstir Alasdair, The Ardnamurchan Years le Raghnall Mac Ille Dhuibh, air fhoillseachadh le The Society of West Highland and Island Historical Research, 1986.

Seinneadairean / Performers

Alasdair Friseal

Alasdair Friseal

'S ann à Raon Mòr ann an Aichillidh Bhuidhe a bha Alasdair Friseal (1905-1975) agus b' e an gille a b' òige ann an teaghlach ...

Fiosrachadh air Alasdair Friseal / Learn more about Alasdair Friseal
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill

Mairead NicNèill

Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 Dùbhlachd, ...

Fiosrachadh air Mairead NicNèill / Learn more about Mairead NicNèill

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.